B' e creag-eòlaiche, ceimigear, mèinn-eòlaiche is bith-eòlaiche às an t-Suain a bha ann am Per Teodor Cleve. Rugadh e ann an Stockholm agus dh'ionnsaich e aig Gymnasium Stockholm. Chaidh e na ollamh ceimigeachd aig an Oilthigh Uppsala, far an robh e na oileanach, ann an 1874. Mhol e ann an 1874 gum b' e dà eileamaid a bha ann an didymit agus dhearbhaich Carl Auer von Welsbach seo ann an 1885 nuair a lorg e prasodimium agus neodimium. Ann an 1879 lorg Cleve tuilium agus dh'ainmich e hoilmium. Mus do lorg Cleve is Nils Abraham Langlet helium ann an clach uranium ann an 1895, chan fhacas helium ach ann an reultan.

Per Teodor Cleve
Beatha
Breith Storkyrkoförsamlingen (en) Translate, Stockholm City (en) Translate agus Stockholm, 10 dhen Ghearran 1840
Dùthaich  An t-Suain
Bàs Uppsala Cathedral Assembly (en) Translate agus Uppsala, 18 dhen Ògmhios 1905
Àite-adhlacaidh seann-chladh Uppsala
Teaghlach
Cèile Alma Cleve (en) Translate  (30 dhen Ghiblean 1874 -  18 dhen Ògmhios 1905)
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Uppsala
Oileanaich dotaireachd Svante Arrhenius
Cànain Suainis
Beurla
Gearmailtis
Fraingis
Luchd-teagaisg Carl Gustaf Mosander (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd ceimigear, eòlaiche-mhèinnearan, ainmh-eòlaiche, neach-teagaisg oilthigh, geòlaiche, neach-saidheans, lus-eòlaiche, bith-eòlaiche agus oceanographer (en) Translate
Àitichean-obrach Uppsala agus Stockholm
Fastaichean Oilthigh Uppsala  (17 dhen Chèitean 1858 -
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan

Bha ùidh mhòr cuideachd aige ann am plancton agus dà-ataman is ghabh e pàirt sa' chuairt Shuaineach rannsachaidh a Spitsbergen ann an 1898. B' e a' chiad neach-saidheans a thug taic do na teòiridhean Darwin a bha ann an Cleve.[1]

Bhuannaich e am Bonn-cuimhne Davy ann an 1894.[2] Dh'ainmicheadh am mèinnear cleveit a rèir Cleve gus urram a thoirt dha. Bhuannaich ogha Ulf von Euler an Duais Nobel ann an Leigheas ann an 1970.[3]

Iomraidhean deasaich

  1. Bjørklund, K. R. ⁊ Itaki, T. agus Dolven, J. K. (2014): “Per Theodor Cleve: a short résumé and his radiolarian results from the Swedish Expedition to Spitsbergen in 1898,” ann an: J. Micropalaeontol., leabhar 33, td. 59–93. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2019.
  2. Award winners: Davy Medal”. Comann Rìoghail. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2019.
  3. Ulf von Euler - Biographical”. Nobel Media AB. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2019.