Pòl MacAonghais
B' e sgrìobhadair Gàidhlig a bh' ann am Pòl MacAonghais (Beurla: Paul Macinnes, 1928–1987). Rugadh e ann an Gurraig 22 am Faoilleach 1928 is athair à Baile a' Chaolais agus a mhàthair à Griomasaigh. Nuair a bhàsaich a phàrantan is e ach 8 bliadhna a dh'aois thogadh e leis a sheanair agus a sheanmhair ann an Griomasaigh.
Pòl MacAonghais | |
---|---|
Beatha | |
Dreuchd |
Chaidh e dhan sgoil ann am Port Rìgh agus bha e na oileanaich aig Oilthigh Ghlaschu agus aig Colaiste Chnoc Iòrdain. Theagaisg e air feadh na h-Alba. Bha e ag obair mar riochdaire aig a' BhBC o 1976 is e a' fuireach ann an Dùn Èideann. Chaochail e gu h-obann 19 an Lùnastal 1987 ann am Port Rìgh.[1]
Leabhraichean
deasaich- Teine Ceann Fòid (Gairm, 1967)
- Amannan (Chambers, 1979)
- An Guth Aoibhneach (Saltire Society, 1993)
- Solas na Gealaich (Comunn Dràma Ghàidhlig Ghlaschu, 2001)
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Guth Aoibhneach”. Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig. Air a thogail 19mh dhen Chèitean 2024.