Pàrtaidh a' Cheartais agus Leasachadh
Pàrtaidh a' Cheartais agus Leasachadh Adalet ve Kalkınma Partisi | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 14 an Lùnastal 2001 |
Luchd-stèidheachaidh | Abdullah Gül Recep Tayyıp Erdoğan |
Àite-Stèidheachaidh | Ankara |
Beachd-smuainealas Eachdraidheil | Ioslam Modarach |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Co-mhaoineas |
Oifisean | Söğütözü Caddesi No 6, Çankaya, Ankara |
Cathraiche | Abdulhamit Gül |
Suidheachain | 317/550 |
Riaghaltas | 15 |
Làrach-lìn | AK Parti |
Tha Pàrtaidh a' Cheartais agus Leasachadh (Turcais: Adalet ve Kalkınma Partisi air neo AK Parti) na phàrtaidh poileataigeach Ioslamach modaratach anns An Tuirc.[1] Chaidh am pàrtaidh a stèidheachadh ann an 2001 le Abdullah Gül agus Recep Tayyıp Erdoğan is iadsan a' cur iomadh mion phàrtaidh Ioslamach ri chèile.[2] Tha am pàrtaidh air a bhith sa chumhachd bho 2002 a-mach le Recep Tayyıp Erdoğan a bha os a chionn.[3] 'S e gu bheil na poileasaidhean Pàrtaidh a' Cheartais agus Leasachadh san riaghaltas a' dol an aghaidh na rinn Mustafa Kemal Atatürk (1881 - 1938) a bha airson Poblachd neo-eaglaiseach - ris an canar Kemalizm (Gàidhlig: Kemalas)[4] - a chur an àite an Rìoghachd chreideamh a bh' ann fad linntean roimhe. Tha an AK Parti a' gabhail ri Ioslam modaratach agus nua-otomanas.[5]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Bir Gün
- ↑ Gali̇p Dalay et Dov Friedman, « The AK Party and the Evolution of Turkish Political Islam’s Foreign Policy », Insight Turkey, vol. 15, no 2, 2015
- ↑ Eksisozuk
- ↑ Webster, Donald Everett (1973). The Turkey of Atatürk; Social Process in the Turkish Reformation. New York: AMS Press. ISBN 978-0-404-56333-2.
- ↑ Dagens Nyheter