Pàrtaidh Ortadogsach
Pàrtaidh Ortadogsach | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 15 an Cèitean 1947 |
Luchd-stèidheachaidh | Eduardo René Chibás Ribas |
Àite-Stèidheachaidh | La Habana |
Beachd-smuainealas Eachdraidheil | Co-mhaoineas |
Cathraiche | Emilio Ochoa y Ochoa |
B' e partaidh poileatagach a bh' ann am Pàrtaidh Ortadogsach (Spàinntis: Partido Ortodoxo, ainm slàn: Partido del Pueblo Cubano – Ortodoxo). Chaidh am Pàrtaidh Ortadogsach a stèidheachadh ann an 1947, le Eduardo René Chibás Ribas, nuair a bhris am Partido Revolucionario Cubano (Auténticos) a-mach à chèile.[1] B' e pàrtaidh a bha gu tur an aghaidh coirbteachd a bh' ann, a ghabhadh a-steach daoine bho ghach taobh an speactraim phoileataigeach, Comannaich agus Caitligich nam measg. B'e trioblaid mhòr dhan phàrtaidh a bha sin.[2] Chaill am pàrtaidh na taghaidhean nàiseanta ann an 1948 ach bha iad an impis sin a bhuannachadh ann an 1952 nuair thug Fulgencio Batista Zaldívar seilbh air an Riaghaltas. Chaidh am pàrtaidh a dhùnadh ann an 1959. Bha Fidel agus Raúl Castro nam buill a' phàrtaidh, mus robh M-26-7 air neo am Pàrtaidh Comannach Chùba ann.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Jules Robert Benjamin (1990), The United States and the Origins of the Cuban Revolution, Princeton University Press, ISBN 978-0-691-02536-0, ISBN 0691025363
- ↑ Ecured
Ceanglaichean A-mach
deasaich- En Caribe (Spàinntis)