B' e Pàpa Eadailteach a bha ann am Bonifatius IX (Laideann Pàpa Bonifatius P.P. IX,[1] Napoli, mu 1350 - Cathair na Bhatacain, 1 an Dàmhair 1404. B' e Pietro Tomacelli an t-ainm a bh' air bho thùs. Chaidh a thaghadh air an 2 an t-Samhain 1389 mar phàpa an dèidh bàs Urbanus VI. 'S e an 203mh fear a bh'ann.[2] Bhuineadh e do theaghalach uachdaranach ach bochd à Casanaro ann an ceann a deas na h-Eadailt.[3] B' esan a thug esan cead dhan easbaig Johann von Egloffstein airson oilthigh a thogail ann an Würzburg.[4] Bha e dìreach 39 bliadhna a dh'aois nuair a chaidh a chrùnadh agus thuirteadh nach robh e idir comasach neo sgileil neo fiù ’s eòlach air diadhaireachd. Sgrìobh Dietrich à Nieheim mu dheidhinn: nesciens scribere etiam male cantabat (Cha b' urrainn dha leughadh, cuideachd sheinneadh e gu dona).[5]

Pàpa Bonifatius IX
203. pàpa

10 dhen t-Samhain 1389 - 1 dhen Dàmhair 1404 (Gregorian)
Urban VI (en) Translate - Innocent VII (en) Translate
Beatha
Breith Napoli, 1356
Bàs An Ròimh, 1 dhen Dàmhair 1404
Àite-adhlacaidh Bàislig Naomh Peadar
Nàdar a’ bhàis  (stròc)
Teaghlach
Athair NN Tomacelli
Foghlam
Cànain Laideann
Dreuchd
Dreuchd sagart Caitligeach
Àitichean-obrach An Ròimh agus Stàitean na h-Eaglaise
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach

Iomraidhean

deasaich
  1. New Advent
  2. Camino de Santiago
  3. Nobili Napoletani
  4. Uni Würzburg
  5. CCEL