Pàirc Thanachais

Lann-amhairc an Ear, Tanachais

Far-ainm Tanachais/Tannadice
Suidheachadh Dùn Dèagh, Alba
Fosgailte 1882
Nuadhaichte 1909, 1992–97
Uachdar Feur
Clubaichean-aonta East End F.C. (1882-90)
Dundee Wanderers F.C. (1890-1909)
C.B. Dùn Dèagh Aonaichte (1909- An-dràsta)
Club òigridh ball-coise Dùn Dèagh Ate (1940–44)
Comas-lìonaidh
14,223


Tha Pàirc Thanachais, air a h-iomradh mar Tannadice am bitheantas, na lann-cluiche bhall-coise suidhichte air Sràid Thanachais anns a` chathair albannach Dùn Dèagh. Tha an lann-cluiche na dachaigh do Dhùn Dèagh Aonaichte agus tha comas-lìonaidh 14,223 aice. Tha an lann-cluiche suidhichte mu choinneamh Pàirc Dhens, dachaigh còmh-strìtheach na cathrach, C.B. Dùn Dèagh. `S e suidheachadh àraid a tha seo, an dà àrd-àite ball-coise as fhaisge air a chèile san Rìoghachd Aonaichte.250px\right

Tha Tanachais na lann-cluiche le suidheachain air feadh bho 1994. Tha na lannan-amhairc mar a leanas:

Lann-amhairc Jerry MacGillechiar: Chaidh a thogail an toiseach ann an 1962. Tha i a’ ruith bhon letheach-loighne air taobh deas (Sràid Tanachais) na pàirce, a` lùbadh mun chuairt air oisean ear-deas an raon, a` crìochnachadh rud beag a-null loighne-tadhail an ear. Mun deach ath-leasachadh Aithisg Mhic an Tàilleir a choileanadh, b’e seo an aon àite san raon gu lèir far an robh suidheachain ann air fad. B’ e Am Prìomh Lann an t-ainm a bh’ air gu 2003, agus an uairsin thugadh ainm ùr air, gus an urram a chur air am manaidsear aig an robh ceannas fhad `s a bhathas ga togail. Tha leasachadh pàirtean eile na lann-cluiche a` dèanamh gum bi an lann seo, mar is àbhaist, air a glèidheadh do luchd-leantainn clubaichean eile.

Lann-amhairc Duais an Cluiche Cothromach: Dh’fhosgail an lann-amhairc as ùire san raon-cluiche ann an 1997. Ged a tha ainm eile air, `s e cnag an leasachaidh seo gu robh e a’ leudachadh an seann Phrìomh Lann ach an rachadh taobh deas an raon-cluiche a lìonadh gu lèir. Tha an t-ainm a’ tighinn bho Chuidh an Cluiche Cothromach; barraid bheag chòmhdaichte a bh’ anns an oisean seo de Thanachais agus a fhuair a h-ainm bhon duais a chaidh a thoirt do dh’Aonaichte `s an luchd-leantainn le FIFA, air dhaibh cuairt dheireannach Cupa UEFA 1987 a ruigsinn. Tha an lann seo glèidhte cuideachd do luchd-leantainn chlubaichean eile.

Lann-amhairc an Iar: Thathas a` gabhail air seo fhathast air an t-seann far-ainm “Am Bothan”, bhon a tha i a’ cumail mullach na togalaich a bh’ ann bho thùs, a tha a’ buntainn do 1957. Eadar sin agus 1980, b’ e an aon àite seasamh còmhdaichte aig Tanachais, a dh’ fhàs gu bhith am pàirt a bu mheasail, `s a b’fheàrr a thaobh faireachdainn, anns an raon. Tha suidheachain air na barraidean tùsail bho 1994, cuid mhath dhiubh ri fhaicinn anns na h-oirean. Tha glèidheadairean tiocaidean-ràithe air an gabhail anns na pàirtean ùr-nodha dhen lann-cluiche, mar sin dheth, faodar a thoirt do dh` aon chuid luchd-leantainn an dachaigh no luchd-leantainn th’ air tadhail, a-rèir an fhèill a th’ ann do thiocaidean.

Lann-amhairc Seòras Fox: Air h-ainmeachadh air stiùiriche fad-frithealach, bha an lann-amhairc dà sreathach seo air a togail a-null taobh tuath na pàirce ann an 1991-1992. B’ e a` chiad cheum a bh’ ann gus Tanachais atharrachadh ach an coileanadh i riatanas suidheachain a bhith air feadh an lann-cluiche gu lèir. Tha i air sònrachadh do luchd-leantainn a' chlub a-mhàin.

Lann-amhairc an Ear: Chaidh fhosgladh ann an 1994, ‘s air a dealbhadh coltach ris an tè a tha dlùth rithe, Lann Seòras Fox. Tha dà sreath de shuidheachain aice cuideachd. Tha Lann an Ear a-nis na dachaigh don fheadhainn as àirde `s as dìorrasach às luchd-leantainn a’ chlub, ach tha pàtrain Lann Seòras Fox ainmeil airson a bhith car sàmhach nan dol a-mach. Mar sin, `s e an ceann seo de Thanachais a bhios a’ leantainn air dìleab an t-seann “Bhothain”.

Clàraidhean agus tribhia

deasaich

B’e 28,000 an àireamh-frithealaidh a b’ àirde a bh`aig Tanachais airson bàir Chupa Fairs ri C.B. Barcelona air 16 Samhain, 1966. B’e 26,407 an àireamh-frithealaidh a b’ àirde airson bàir dhachaigheil. B’e geama ann an Cupa na h-Alba a bh’ ann air 23 Gearran 1952 ri Obar Dheathain.