B' e Owain Glyndŵr (1355 – c.1415) [1] Prionnsa na Cuimrigh mu dheireadh a rugadh anns a' Chuimrigh fhèin. Tha Owain Glyndŵr (Cuimris: [ˈoʊain ɡlɨ̞nˈduːr]) aithnichte cuideachd fo na h-ainmean Owain Glyn Dŵr neo Owen Glendower sa Bheurla. Bha e na phrionnsa eadar 1401 is 1416. Thòisich e aramach Cuimreach an aghaidh Henry IV Sasainn. Aig deireadh na 19mh linne fhuair e inbhe mar athair nàiseantachas Cuimreach leis a' bhuidheann Cuimrigh Òg (Cymru Fydd). Bhon àm sin tha e air a bhith na ghaisgeach do na Cuimrich. Tha an t-Oilthigh "Glyndŵr" anns a' Chuimrigh ainmichte a rèir Owain Glyndŵr.[2]

Owain Glyndŵr
Beatha
Breith Dolwyddelan Castle (en) Translate, 1359 (Gregorian)
Dùthaich  A' Chuimrigh
Bàs Principality of Wales (en) Translate, 1415
Teaghlach
Athair Gruffudd Fychan II
Màthair Elen ferch Thomas ap Llywelyn ab Owain ap Maredudd
Cèile Margaret Hanmer (en) Translate  (1380 (Gregorian) -
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Taigh Mathrafal
Foghlam
Cànain Cuimris
Beurla
Laideann
Dreuchd
Dreuchd luchd an airm, land owner (en) Translate agus administrator (en) Translate
Ìre saighdear
Creideamh
Creideamh Crìosdaidheachd

Beatha tràth

deasaich

Rugadh Glyndŵr ann an teaghlach Angla-Chuimreach ann an 1355. Bha an teaghlach aige caran beartach agus bha fearann aca ann an ceann an ear-dheas na Chuimrigh. Fhuair e a chuid foghlam ann an Sasainn agus chuir e ùine seachad anns an arm Bhreatannach. Ghabh e pàirt ann an ionnsaidh an aghaidh Alba agus an uair sin chaidh e air ais don Chuimrigh. Bha e na neach-leantainn do Richard II, rìgh Shasainn. Ach nuair a chaill Richard a' chumhachd aige chaidh cuid dhen fhearann a bha aig Glyndŵr a thoirt air falbh le Reginald Grey, 3mh Baran Grey de Ruthyn, [1] neach-leantainn Henry IV a bha a' fàs na bu treasa aig an àm ud.

Aramach

deasaich
 
Ìomhaigh Owain Glyndŵr ann an Corwen

Bha Owain Glyndŵr ag iarraidh cuideachadh bho Henry IV gus am fearann aige fhaighinn air ais, ach dhiùlt Henry sin a dhèanamh. Agus cha tug Glyndŵr saighdearan do Henry airson ionnsaigh eile an aghaidh Alba. Mar sin bha Grey dhen bheachd gum b' e brathadair a bh' ann an Glyndŵr. Chuir Glyndŵr roimhe a dhol an aghaidh Henry IV, agus thòisich e ionnsaighean an aghaidh Grey agus bailtean anns na crìochan gu Sasainn. Ged a bha feachdan Henry IV a' sabaid an aghaidh Glyndŵr, gus a' chumhachd fhaighinn air ais, cha do thachair sin ach an dearbh-chaochladh: dh’fhàs aramach an aghaidh Sasainn na bu treasa is na bu treasa.[1] Anns an t-Sultain 1400 chuir Owain Glyndŵr fhèin an tiotal "Prionnsa na Cuimrigh" dha fhèin.

Anns a' Ghiblean 1401 chuir feachdan Ghlyndŵr Conwy Castle fodhpa agus san ath bhliadhna ghlac iad Edmund Mortimer, ceannard nam feachdan Sasannach ann an "Battle of Bryn Glas",[1] (ris an canar "Battle of Pillethl" cuideachd). Ann an 1404 fhuair e cuideachadh bho fheachdan nam Frangach agus rinn iad ionnsaigh air Worcester.[1]

Ach ann an 1408 b' urrainn do na feachdan Sasannach buaidh a thoirt air na Cuimrich agus mar sin chaidh an taic don aramach Chuimreach a lagachadh. Chum Glyndŵr a dhol le strì is creachan an aghaidh nan Sasannach, ach gu ìre b' e seòrsa cogadh guerrilla a bh' ann.

Chan eilear cinnteach dè thachair do dh'Owain an dèidh 1412. Ged a bha airgead-cinn àird air cha deach e a ghlacadh neo a bhrathachadh idir. A rèir beul aithris tha e adhlaicte ann an Eaglais Naomh Mael is Sulien ann an Corwen faisg air an dachaigh aige neo is dòcha air an oighreachd aige ann an Sycharth.

An teaghlach aige

deasaich

Phòs Owain Glyndŵr Marred ferch Dafydd (Beurla: Margaret Hanmer). B' e Sir David Hanmer a h-athair.[3] Bha còignear mic agus ceithrear nighinn aca.[3] Seo iad:

  • Gruffudd ab Owain Glyndŵr; rugadh e ann an 1375. Bha e air a ghlacadh le Sasannaich agus dh'fhuirich e ann an Nottington Castle agus bho 1410 a-mach ann an Tower of London far an do chaochail e le tinneas bubonic plague ann an 1412.
  • Madog
  • Maredudd ab Owain Glyndŵr
  • Thomas
  • John
  • Alys ferch Owain Glyndŵr; phòs i Sir John Scudamore.
  • Jane
  • Janet; phòs i Sir John de Croft bho Croft Castle
  • Margaret; phòs i Sir Richard Monnington

Chaochail a h-uile mac Owain Glyndŵr anns an aramach no anns a' phrìosan no cha robh clann aca.[3]

Owain Glyndŵr ann am ficsean

deasaich
 
Ìomhaigh Owain Glyndŵr ann am Pennal

Nochd Owain Glyndŵr mar Owen Glendower anns an dealbh-chluich "Henry IV, Pàirt 1" sgrìobhte le William Shakespeare.

Ach chan ann a-mhàin anns na seann làithean a chaidh a sgrìobhadh mu a dheidhinn, 's e cuspair tarraingeach a th' ann an Glyndŵr gus an latha an-diugh. Nochdaidh e gu tric ann an leabhraichean is ficsean. Seo cuid eisimpleirean:

  • John Cowper Powys: Owen Glendower (ùirsgeul)(1941)
  • Edith Pargeter: A Bloody Field by Shrewsbury (1972)
  • Rosemary Hawley Jarman: Crown in Candlelight (1978)
  • Malcolm Pryce: A Dragon to Agincourt - Y Lolfa ISBN 0-86243-684-2 (2003)
  • Rhiannon Ifans: Owain Glyndwr: Prince of Wales (2003)
  • Rowland Williams: Owen Glendower: A Dramatic Biography and Other Poems (2008)
  • T.I. Adams: The Dragon Wakes: A Novel of Wales and Owain Glyndwr (2012)
  • Maggie Stiefvater: The Raven Boys (2012) agus The Dream Thieves (2013)
  • N. Gemini Sasson: Uneasy Lies the Crown: A Novel of Owain Glyndwr (2012)
  • Terry Breverton: Owain Glyndwr: The Story of the Last Prince of Wales (2014)

Gheibhear barrachd fiosrachadh mu na seallaidhean air Glyndŵr a nochdas ann an litreachas Cuimreach san latha an-diugh, anns an leabhar a sgrìobh E. Wyn James, Glyndŵr a Gobaith y Genedl: Agweddau ar y Portread o Owain Glyndŵr yn Llenyddiaeth y Cyfnod Modern (Beurla: Glyndower and the Hope of the Nation: Attitudes to the Portrait of Owen Glyndower in Modern Age Literature) (Aberystwyth: Cymdeithas Llyfrau Ceredigion, 2007).

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 "Owain Glyn Dwr (c.1355 - c.1415)". bbc.co.uk. 2014. Retrieved 29. 5. 2014. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  2. "University's medieval rebel name". BBC. Lunnainn: BBC. 15.6.2008. Retrieved 29.5.2014. {{cite news}}: Check date values in: |accessdate= and |date= (help)
  3. 3.0 3.1 3.2 Lloyd, J (1881): The History of the Princes, the Lords Marcher, and the Ancient Nobility of Powys Fadog. Lunnainn: T. Richards. 

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: