Ovanåker
Ovanåker
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Gävleborgs län | ||||
Sgìre | Hälsingland | ||||
Co-chomharran | 61° 22 00′ Tuath 15° 54 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,873.31 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 11,469 (2015) | ||||
Dlùths | 6.12/km² | ||||
Àireamh fòn | (+46) 476 213 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.ovanaker.se/ |
'S e baile beag ann an ceann a tuath na Suaine a th' ann an Ovanåker. Tha e suidhichte eadar Bollnäs agus Orsa,[1] anns an sgìre Gävleborg,[2] 125km air falbh bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha, 84km bho Uppsala agus 367km bho Ghöteborg.[3] Tha 11,469 duine a' fuireach ann.[4]
Freumhan an ainm
deasaichTha e coltach gur ann à dà fhacal ann an Seann-Lochlannais - ofan (os cionn) agus akr (achadh) - a tha an t-ainm.[5] Bheireadh sin Bàrr an Achaidh air neo Àrd Achadh dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S e co-dhàimh leis an Laideann agris a th' ann an akr.
Eachdraidh
deasaichBhuineadh an teaghlach aig Anders Celsius do dh' Ovanåker agus chuireadh esan fhèin tòrr ùine an seo san oighreachd aige ann an Doma.