Oleksiy Pavlenko
'S e neach-malairt agus neach-poileataigs às An Ucràin a th' ann an Oleksiy Mykhaylovych Pavlenko (Ucràinis: Олексій Михайлович Павленко, Uman, 2 am Faoilleach 1977).[1] Fhuair e a chuid foghlaim san Oilthigh Nàiseanta Acadamaidh Mohyla an Kyiv agus thall san Oilthigh Malairt Nyenrode am Breukelen anns Na Tìrean Ìsle. Bha Pavlenko na mhinistear an àiteachais eadar 2014 agus 2016 fo Arseniy Yatsenyuk agus esan na bhall pàrlamaid airson a' phairtidh Samopomich (Gàidhlig: fèin-urrachd, Ucràinis: Самопоміч).[2] A bharrachd air sin, bha e na cheannard aig companaidh air a bheil Foxtrot.
Oleksiy Pavlenko | |||
---|---|---|---|
2 dhen Dùbhlachd 2014 - 14 dhen Ghiblean 2016 ← Ihor Shvaika (en) - Taras Kutovyi (en) → | |||
Beatha | |||
Breith | Uman, 2 dhen Fhaoilleach 1977 | ||
Dùthaich | An Ucràin | ||
Foghlam | |||
Foghlam |
National University of Kyiv-Mohyla Academy (en) Nyenrode Business University (en) | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | eaconamaiche agus neach-poileataigs |