Oilthigh Bhologna
Oilthigh Bhologna
Facal Suiacheantais | Alma mater studiorum agus Petrus ubique pater legum Bononia mater |
---|---|
Stèidhichte | 1088 |
Suidheachadh | Bologna, an Eadailt |
Oileanaich | nas motha na 100,000 |
Làrach-lìn | http://www.eng.unibo.it |
Tha an t-Oilthigh Bhologna anns a’ bhaile Bologna ann an taobh Tuath na h-Eadailt. Chaidh a stèidheachadh ann an 1088 agus bha e ag obair bhon àm ud gun stad. Is e oilthigh Bhologna am fear as aosmhòr air feadh an t-Saoghal a tha a’ toirt ceum do na h-oileanaich. Tha e cliùiteach airson eòlas-lagha. Tha pàirtean den oilthigh ann an Imola, Ravenna, Forlì, Cesena, Rimini agus anns an Ameireaga-a-Deas cuideachd, ann am Buenos Aires. An diugh tha barrachd air 100.000 oileanaich ag ionnsachadh an seo.
Àrd-ollaimh ainmeil a bha anns an Oilthigh Bhologna:
- Laura Bassi (1711-1778), a’ chiad bhoireannach a bha na h-àrd-ollamh anns an Roinn-Eòrpa
- Umberto Eco (* 1932), sgrìobhadair ainmeil, m.e.: The name of the rose
- Romano Prodi (* 1939), neach poileataigs anns an Eadailt
Oileanaich ainmeil anns an Oilthigh Bhologna
- William of Tyre (~1130-1185), àrd-easbaig à Tyre, sgrìobadair eachdraidheal mun cogadh-croise agus na Meadhan-Aoisean
- Dante Alighieri (1265-1321), bàrd anmeil às an Eadailt
- Nicolaus Copernicus (1473-1543)
- Luigi Galvani (1737-1798), neach-rannsachair nàdar-fheallsanachd
- Camillo Golgi (1843-1926), fhuair e Duais Nobel airson eòlas-leighis