Northern Chronicle
'S e pàipear-naidheachd a bh' anns an Northern Chronicle a chaidh a chur air bhonn ann an Inbhir Nis san Fhaoilleach 1881. B' e Donnchadh Caimbeul a' chiad deasaiche aige agus 's e pàipear glèidhteachail a bh' agus 's e sealbhadairean fearainn agus luchd-lagha a chuir taic ris a' phàipear seo aig àm a chur air bhog, gu sònraichte fear Teàrlach MacAonghais a bha 'na fhear-lagha ann an Inbhir Nis agus 'na fhear-coiteachadh a' Phàrtaidh Ghlèidhteachail.[1] Bha am pàipear cuideachd a' brosnachadh imrich thar sàile air feadh Impireachd Bhreatainn, ged nach robh iad a' moladh imrich dha na Stàitean Aonaichte. Cha robh an fheallsanachd seo a' còrdadh ris a h-uile agus bha Màiri Mhòr nan Òran turas a' moladh pàipearan an Northern Chronicle, an Scotsman agus an Inverness Courier a losgadh.
Chaidh a cheannach le Roy Thomson, sealbhadair phàipearan-naidheachd à Canada a cheannaich an Scotsman beagan bhliadhnaichean roimhe sin, ann an 1958. Bha na 1960an doirbh do phàipearan agus chaidh an Northern Chronicle a dhùnadh ann an 1969.
Fhad 's a bha e a' ruith, bha an Northern Chronicle a' foillseachadh pìosan Gàidhlig gu cunbhalach. Gu sònraichte 'nam measg bha sgrìobhaidhean is eadar-theangachaidhean sgeulachdan leis an Urr. Iain MacRuairidh à Beinn na Faoghla mar na Sgeulachdan Arabianach.
Tùsan
deasaich- ↑ Cameron, Ewen Journalism in the Late Victorian Scottish Highlands: John Murdoch, Duncan Campbell, and the Northern Chronicle Research Society for Victorian Periodicals