Niwica
Zibelle
Suidheachadh
Dùthaich A' Phòlainn
Ceàrn Żary
Sgìre Lubuskie
Co-chomharran 51° 34′ 55″ Tuath
14° 50′ 35″ Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn +48 68

‘S e baile beag air an àirde an iar na Pòlainn a th’ ann an Niwica (IPA: niˈvitsa, Gearmailtis: Zibelle, Sòrbais: Cybalin). ‘S ann às an t-seann slàbhais Cebulja (Gàidhlig: uinnean) leis an deireadh Sòrbais –in a thàinig seann ainm a’ bhaile[1] is chaidh e a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1478 mar Tzebelle. Cha d’ fhuair e ainm Pòlais ach an dèidh an Dàrna Cogadh. Tha e suidhichte faisg air na crìochan leis a’ Ghearmailt, eadar Mieszków agus Chwaliszowice, ri taobh an Lochan Niwica Dolna, anns an roinn Lubuskie. Tha dìreach mu 380 duine a' fuireach anns a’ bhaile.

Daoine ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Paul Kühnel: Die slavischen Orts- und Flurnamen der Oberlausitz. Zentralantiquariat der Deutschen Demokratischen Republik, Leipzig 1982, S. 98 (Fotomechanischer Nachdruck der Originalausgabe (1891–1899)).

Ceanglaichean a-mach

deasaich