Neil Bartlett
'B e ceimigear Aimeirigeanach a rugadh ann an Sasainn a bha ann Neil Bartlett.
Fhuair e an dotaireachd aige aig Colaiste a' Righ ann an Durham. Ann an 1958 chaidh e ag obair aig Oilthigh Columbia Bhreatannaich (UBC) ann an Canada. 'S ann ann an seo a lorg e rud iongantach nuair a chuir e ri chèile a' chiad co-thàthadh de gas uasal. Rinn e a' chiad cho-thàthadh senoin ann an 1962. Ron an seo bha daoine den bheachd nach b' urrainn dha na buill aig am buidheann seo frith-ghluasad agus mar seo bha iad an toiseach a' dol fon ainm "gasaichean tàmhach".