Naomh Bhaileintin
B' e naomh Ròmanach bhon 3mh Linn a bha ann an Naomh Bhaileintin.
Chuir na h-ùghdarrasan gu bàs e air sgàth 's gur e Crìostaidh a bh’ ann. Mar seo, b' e martarach a bh’ ann. Bhàsaich e air 14 an Gearran 273 AD.[1] Chaidh a thìodhlacadh ann an cladh faisg air Via Flamina is Ponte Milvio ann an ceann a tuath na Ròimhe. Chan eil tòrr fiosrachaidh a bharrachd ann agus air sgàth seo, chuir an Eaglais Chaitligeach e a-mach às a’ Mhìosachan Oifigeil ann an 1969. 'S urrainn do cho-thionalan Caitligeach a chomharrachadh air 14mh an Gearran mur h-eil comharrachadh nas cudromaiche a’ tuiteam air an latha seo.
A-rèir na h-Eaglaise Caitligich 's e naomh a’ ghaoil chùirteil (seòrsa de ghaol foirmeil) a th’ ann. Am measg a shamhlaidhean, tha eòin, ròsan agus easbaig còmhla ri clann thinn. Tha na h-eaglaisean Anglach, Lùtaireach is Baisteach ga chomharrachadh cuideachd. Anns an eaglais Ortadogsaich thèid dithis eile a chomharrachadh mar naomh Bhaileintin is air dà latha diofraichte. Anns na dùthchannan far a bheil an Eaglais Ortadogsach làidir, 's e latha neo-eaglaiseach a th’ anns an 14mh dhen Ghearran nuair a tha iad a’ comharrachadh Naomh Bhaileintin is an gaol aca. Thàinig an tradaisean seo bho Eòrpa an Iar agus Aimeireaga. Ann an Romàinia 's e 24mh an Gearran a th’ anns an latha tradaiseanta nuair a thèid an gaol is an t-earrach a chomharrachadh. 'S e latha Dragobete a th’ air.
Chan eil tòrr fios le fianais cheart againn mu dheidhinn cò dìreach a bh' ann am Bhaileintin, ach tha sgeulachd no dhà ann. Canar gun robh e a’ leigeas nighean dhall agus gun tàinig a fradharc air ais. Thathar ag ràdh gun do phòs e daoine Crìostail gu dìomhair. Nam biodh duine pòsta, chan fhaodadh fhastadh na shaighdear anns an armailt Ròmanach. Bha an t-Ìmpire feargach. Chuir e Bhaileintin anns a’ phrìosan. Chaidh Bhaileintin dì-cheannachadh.
Latha Naomh Bhaileintin
deasaichMhair tòrr gnàthasan cultarail ann am Breatainn bhon an ceathramh linn deug gus an latha an-diugh. Tha cuid den na h-eòlaiche ag ràdh gum b' e Geoffrey Chaucer ùghdar nan gnàthasan sin, gu sònraichte bhon an leabhar aige Parlement of Foules. 'S ann bhon an àm seo a thàinig an ceangal eadar Naomh Bhaileintin is an gaol romansach.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Saint Valentine of Rome” (Beurla). Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2017.