'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Mòsaimbic, [1] ainm eile: Mosaimbic [2], Mosambiog[3] neo Mosambìog [4] , ainm oifigeil: Poblachd Mhòsaimbic, (Portagailis: República de Moçambique, IPA: ʁɛ'publikɐ dɨ musɐ̃'bikɨ). Tha crìochan aige sa tuath le Tansainìa, san iar-thuath le Malabhaidh agus Saimbia, san iar le Siombabue agus sa earra-dheas le Dùthaich nan Suasaidh agus Afraga a Deas. Tha an Cuan Innseanach san ear dhith. ‘S e Maputo am prìomh-bhaile aice. B’ e Vasco da Gama a’ chiad duine às an Roinn Eòrpa a ràinig air Mòsaimbic anns a’ bhliadhna 1498 agus b’ e tìr-imrich na Phortagail a bha innte bho 1505. Thàinig an t-ainm Mòsaimbic (Moçambique) bho Muça Alebique, (rìgh Arabach).

República de Moçambique

Bratach

Lùireach
Sluagh-ghairm nàiseanta
Pátria Amada
Cànan(an) oifigeil Portagailis
Prìomh-bhaile Maputo
Baile as motha Maputo
Riaghaltas Poblachd
Ceann-suidhe Filipe Nyusi
Prìomh-mhinistear Carlos Agostinho Do Rosário
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhon Phortagail
25mh an t-Ògmhios 1975
Farsaingeachd
Iomlan 801,590 km² (35mh)
Uisge 2.2 %
Àireamh-shluaigh (2007)
Iomlan 21,397,000 (54mh)
Dlùths 25/km² (178mh)
LTD/CCC (2005)
gach pearsa $1,389 (158mh)
Roinn tìde CAT (UTC+2)
Ruith-airgid metical Mòsaimbiciach
Prìomh àrainn-lìn .mz
Còd Àireamh fòn 258
Boireannach le cruithneachd Innseanach ann am Mòsaimbic
Bàta-iasgaich anns an stoidhle traidiseanta

Iomraidhean

deasaich
  1. Am Faclair Beag
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  4. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: