Mora
Mora
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Dalarna | ||||
Sgìre | Dalarnas län | ||||
Co-chomharran | 61° 01 00′ Tuath 14° 32 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 12.36 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 20,101 (2015) | ||||
Dlùths | 1,626.29/km² | ||||
Àireamh fòn | (+46) 25 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.mora.se/ |
‘S e baile meadhanach ann an cridhe na Suaine a th’ ann am Mora. Tha e suidhichte ann an tairbeart eadar Loch Siljan agus Loch Orsasjön,[1] 269km air falbh bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha, 213km bho Uppsala agus 395km bho Ghöteborg.[2] Tha 20,101 duine a' fuireach ann, 10,896 sa bhaile fhèin.[3]
Freumhan an Ainm
deasaichTha a h-uile coltas ann gur ann à mōr (aonach, mòinteach) ann an seann shuainis a tha an t-ainm, a tha a' gabhail ri cruth na tìre.[4] Bheireadh sin An t-Aonadh dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S e co-dhàimh leis A' Bheurla Ghallda muir a th' ann am mōr.
Eachdraidh
deasaichChaidh am baile mar a tha e an-diugh a stèidheachadh ann an 1521, nuair a bha An t-Suain ann an cogadh an aghaidh na Danmhairge.[5] A dh'aindeoin sin, tha fianais ann gu robh daoine ann o chionn 4,000 bliadhna.
Daoine Ainmeil
deasaich- Anders Zorn (1860 - 1920) Neach-ealaine.[6]