Menorca
'S e eilean Spàinnteach agus aon de na h-Eileanan Balèarach a tha ann am Menorca (Catalanais is Spàinntis; Beurla: Minorca). Thàinig ainm an eilein bhon fhacal Laideann: Balearis Minor a dh'atharraich tro na linntean gu Minorica (eilean beag).
Tha Menorca suidhichte anns a’ Mhuir Mheadhanaich. Tha e cho farsaing ri 694,4 cilemeatair ceàrnagach. Anns a’ bhliadhna 2006 bha 88.434 de shluagh ann le dluths aig àireamh 127,4 duine gach km².
Tha Mahon na phrìomh-bhaile.
'S e El Toro, ainm eile Monte Toro, a’ bheinn as àirde ann am Menorca, tha i 358 meatair a dh’àrd.
Tha port-adhair eadar-nàiseanta san àird an iar an eilein, mu 3 cilemeatair air falbh bho Mhahon. Tha na h-aiseagan gu Barcelona, Palma de Mallorca agus Valencia suidhichte an seo cuideachd.
Sgìrean
deasaichTha ochd sgìrean ann am Menorca. Seo iad:
- Alaior (Spàinntis: Alayor)
- Es Castell (seann ainm: Villacarlos)
- Ciutadella de Menorca (Spàinntis: Ciudadela de Menorca)
- Ferreries (Spàinntis: Ferrerias)
- Maó (Spàinntis: Mahón)
- Es Mercadal
- Es Migjorn Gran (Spàinntis: San Cristóbal)
- Sant Lluís (Spàinntis: San Luis)