'S e caractar anns an ùr-sgeulachdan Ceilteach a th' ann am Medb (Seann-Ghàidhlig: Medb, Meadhan-Ghàidhlig: Meḋḃ, Nuadh-Ghaeilge Thràth: Meaḋḃ no Meadhbh).

Cnoc na Ré, Contae Shligigh

Anns na sgeulachdan, 's e banrigh Connacht a th' innte. 'S e a h-athair Eochaid Féidhleach.[1] Phòs i Ailill mac Máta agus bha a cùirt rìoghail aig Cruachain, Ráth Cruachan (Contae Ros Comáin an latha an-diugh). Bidh i gu tric a' sabaid ri Rìgh Ulaidh, Conchobar mac Nessa.

Tha seachnar ghillean aig Medb agus Ailill, gach aon leis an ainm Maine.[1] Tha nighean aca cuideachd, Findbhair, a nochdas anns an sgeul Táin Bó Fráech.[1]

Nochdaidh i ann an iomadh sgeul anns an Ulster Cycle, Táin Bó Cuailgne nam measg.[1]

Thathas ag ràdh gun deach Medb a thìodhlaiceadh bho càrn mòr, Cnoc na Ré, Contae Shligigh.[1]

Táin Bó Cuailgne

deasaich

Aig toiseach an sgeula seo, mothaichidh Medb gu bheil barrachd beartas aig an duine aice, Ailill, na tha aicese. Gu sònraichte, ged a chaidh Tarbh Geal Adharcach Chonnacht a bhreith anns an tàin aice, chaidh e a-nall a dh'fhuireach am measg tàin Ailill. Cluinnidh Medb an uair sin mu Tarbh Donn Chuailgne ann an Ulaidh. Feuchaidh i an tarbh a cheannaich ach an uair sin togaidh i airm bho feachdan Éirinn gus an tarbh a ghlacadh.[1]

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 1.5 Beresford Ellis, Peter. 1995. Celtic Women: Women in Celtic society and literature (London: Constable), dd. 42-45