'S e beinn ann am Frìth Achadh na Seileach air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Maoile Lunndaidh. Tha e 1,007 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte ann an àite iomallach eadar Gleann Carann agus Loch Monar. Tha an t-ainm a' ciallachadh beinn mhaol fhliuch[1].

Maoile Lunndaidh

Maoile Lunndaidh bho Mhoruisg
Àirde (m) 1,053
Àirde (tr) 3,303
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Maoile Lunndaidh is located in Alba
Maoile Lunndaidh
Maoile Lunndaidh (Alba)
Suidheachadh Gleann Carain
Mapa cumadh-tìre Landranger 25
Explorer 429
Comharradh-clèithe NH13524585

Gus a' bheinn seo a shreap, bithear mar as trice a' a' tòiseachadh aig a' Chreag ann an Gleann Carann. Ged nach e ach aon bheinn a th' ann, bheir a' chuairt eadar 8 is 11 uairean a thìde, air sgàth 's gu bheil i cho fad air falbh bhon rathad[2].

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Monar, Bidean a' Choire Sheasgaich, Lurg Mhòr, Srath Carann, Loch Carrann agus Toirbheartan.


Iomraidhean

deasaich
  1. Drummond, Peter, 1991, Scottish Hill and Mountain Names, d. 34, 176
  2. Maoile Lunndaidh air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: