Màiri Mairead Nic Gill-Eathain
'S e sgrìobhadair Gàidhlig a bh' ann am Màiri Mairead Nic Gill-Eathain (1921–?).[1] Choisinn i Crùn na Bàrdachd ann an 1951.[1]
Màiri Mairead Nic Gill-Eathain | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Cnoc Cuidhein, 1921 |
Dùthaich | Alba |
Ciad chànan | Beurla |
Foghlam | |
Cànain | Beurla |
Dreuchd |
Chithear a h-ainm gu tric mar Màiri M. Nic Gill-Eathain[2] neo Màiri M. NicIlleathain.[3] B' aithnichear cuideachd i mar Màiri Dhubh agus Màiri na Buaileadh.[1] (Beurla: Mary M. MacLean).
Beatha
deasaichRugadh i ann an Cnoc Cuidhein, Uibhist a Tuath[1] agus an uair sin, ghluais an teaghlach dhan Rubha Buidhe, Griomasaigh nuair a bha i òg. Chaidh a togail ann agus dh'fhuirich i ann a' chuid mhòr dhe a beatha.[1] Bha gealladh-pòsaidh eadar Màiri agus am bàrd Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill ach dhealaich iad mus do phòs iad.[1] Cha do phòs Nic Gill-Eathain riamh.
Obair
deasaichB' ann an 1947 a nochd a' chiad leabhar aice, Sunbeams and Starlight, anns an robh bàrdachd Ghàidhlig agus Bheurla. An uair sin, aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Èideann ann an 1951, choisinn i Crùn na Bàrdachd leis an dàin Do Bheinn Eubhal.
Sgrìobh i rosg cuideachd. Ann an 1970, b' e cruinneachadh de a cuid sgeulachdan goirid an dàrna foillseachadh Gàidhlig a chuir Club Leabhar an clò.[4] Nochd an nobhail aice, Gainmheach an Fhasaich, an ath bhliadhna ann an 1971.
Sgrìobh i gu tric ann am pàipear-naidheachd ionadail The Clarion agus chithear torr dhen sgrìobhadh sin air làrach-lìon Am Baile.
Clàr-leabhraichean
deasaichSgeulachdan goirid
deasaich- Nic Gill-Eathain, Màiri M. (1970) Lus Chrùn á Griomasaidh (Inbhirnis: Club Leabhar) SBN 902706020
Nobhail
deasaich- Nic Gill-Eathain, Màiri M. (1971) Gainmheach an Fhàsaich (Inbhir Nis: Club Leabhar) SBN 902706055
Dàin
deasaich- Do Bheinn Eubhal
- 1953. Bàird a' Chomuinn, deas. le Lachlan MacFhionghuin (An Comunn Gàidhealach)
- 2000. An Tuil (ann an dreach as ùr)
Aistean
deasaichNic Gill-Eathain, M. M. (1951-52) 'Spiorad a Mhac-meanmna', Transactions of the Gaelic Society of Inverness 41: 1-4.
Tuilleadh leughaidh
deasaich- Neat, Timothy (1999): The Voice of the Bard. Edinburgh: Canongate, td. 34–63 is 58.
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 1.5 Harvey, Naomi (2014): “Mairi M. NicIlleathain”, Leth-Cheud Baird is Oran a Uibhist a Tuath: Storas Fiosrachaidh. Uibhist: EOST Project, td. 12.
- ↑ 'S ann mar sin a nochdas a h-ainm air an dà leabhar a dh'fhoillsich Club Leabhar, Lus Chrùn á Griomasaidh (1970) agus Gainmheach an Fhasaich (1971)
- ↑ Clàraichte ann an catalog NLS mar 'Màiri M. Nic Gill-Eathain'.
- ↑ 4.0 4.1 4.2 NicGill-Eathain, Màiri M. (1970): Lus-Chrun à Griomasaidh. Inbhir Nis: Club Leabhar, td. viii.
- ↑ 5.0 5.1 Nic Gill-Eathain, Màiri M. (1971): Gainmheach an Fhasaich. Inbhir Nis: Club Leabhar, td. iii. ISBN 902706055.