Co-chomharran: 56°42′44″N 4°31′55″W / 56.712190°N 4.531998°W / 56.712190; -4.531998

'S e loch ann an Alba a tha ann an Lochan Sròn Smeur neo Lochan Sròn Smear.[1] Tha e suidhichte ann am Mòinteach Raineach air a' Ghàidhealtachd. Tha Lochan Lòin nan Donnlaich san àird an ear dheth. Tha e na laighe eadar dà bheinn, Leacann nan Giomach sa tuath agus Sròn Smeur (513 m) sa deas.

Lochan Sròn Smeur
Suidheachadh
Suidheachadh
Lochan Sròn Smeur
Suidheachadh Lochan Sròn Smeur air a' Ghàidhealtachd

Tha an loch mu 0.5 mìle (0.8 km) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas lugha na 440 slat (402 m) aig an àite as leathainne. Tha cumadh gu math neo-chothromach aige. San fharsaingeachd tha e mu 246 slat (225 m) a leud. Tha Lochan Sròn Smeur cho mòr ri 50 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri gu bhith dà mhìle ceàrnagach (5 km²). 'S e 10.3 troigh (3.1 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 33 troigh (10 m) aig an àite as doimhne.[1]

Tha bàrr uisge an locha mu 1134 troigh (345.6 meatair) os cionn na mara. Thèid an loch a lìonadh bhon ear-thuath le Allt Coire nan Giomach agus sruthaidh an t-uisge a-mach às an loch seo chun an iar tro Allt Gormag, Allt Eigheach do Loch Eigheach.

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Tay Basin", td 66, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  • Mapa an locha Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910).