Co-chomharran: 56°40′49″N 4°32′00″W / 56.680237°N 4.533200°W / 56.680237; -4.533200

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Eigheach neo Loch Eaigh.[1] Tha e suidhichte ann am Mòinteach Raineach air a' Ghàidhealtachd. Tha e suidhichte san ear air Stèisean Raineach. Tha am B864 a' dol seachad air taobh tuath Loch Eigheach.

Loch Eigheach
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Eigheach
Suidheachadh Loch Eigheach air a' Ghàidhealtachd

A rèir suirbhidh ann an 1902 bha an loch mu 0.9 mìle (1.448 km) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas lugha na ¼ mile slat (402 m) aig an àite a bu leathainne. Tha cumadh gu math neo-chothromach aige. San fharsaingeachd Bha e mu 250 slat (228 m) a leud. Bha Loch Eigheach cho mòr ri 59.5 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri gu bhith 14 mìle ceàrnagach (36 km²). B' e 6 troigh (1.8 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 28 troigh (8.5 m) aig an àite a bu doimhne. Bha bàrr uisge an locha mu 818.2 troigh (249 meatair) os cionn na mara.[1]

Leis a' phròiseact "Neart nan Gleann" chaidh dama a thogail aig ceann an ear an locha anns na 1930an agus dh'fhàs an loch na bu mhotha an uair sin. Tha Loch Eigheach na phàirt den Tummel Hydro-Electric Power Scheme. agus tha stèisean-cumhachd dealan-uisgeach ann an Gaur. Gheibhear mu 7.5 megawatt, 's e sin 21 million units, a-mach às an stèisean-cumhachd seo. [2]

Thèid an loch a lìonadh bho Loch Laidon tron Abhainn Garbh Ghaoir san iar agus le Allt Eigheach sa tuath. Sruthaidh an t-uisge a-mach às an loch seo chun an ear tro abhainn Gaur gu Loch Raineach.

Tha cuid eileanan beaga ann an Loch Eigheach.

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Tay Basin", td 67, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
  2. Neart nan Gleann[dead link]. Faidhle PDF td 19, Scottish Hydro Electric (Beurla)

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: