Leth-eilean Wirral
'S e rubha eadar obair an Afon Dyfrdwy agus Abhainn na Merseidh a tha ann an leth-eilean Wirral. O chionn fhada bha an Cilgwri anns a' Chuimrigh, ach o linn nan Normanaich bha e na "cheud" de Cheshire, mus 1974, nuair a chaidh e fo sgàile Merseyside. Chaidh ath-eagrachadh air roinnean ionadail na Sasainn a-rithist ann an 1996 agus is e sgìre aonadach a tha ann an diugh.
Tha na iom-bailtean Birkenhead, Port Sunlight agus Ellesmere Port air bruaich clì na Merseidh, le Wallasey agus New Brighton aig ceann a thuath. Tha West Kirby,Heswall agus Parkgate air cladach na Dyfrdwy. Tha Amharc-lann na Speuran air cnoc Bidston agus b' e luchd-thomhais às an amharc-lann sin a stèidhich (ann an 1844) a' chiad chomas-airde (datum) nàiseanta don Ordnance Survey.
Dh'àitich na Lochlannaich ann an Wirral, agus ionad pàrlamaid ionadail aca aig Thingwall agus tha dìleab aca a' nochdadh an ainmean àite eile 's an sgìre, Frankby, Greasby, Irby (ged a tha cuid eòlaich air ceangal an t-ainm seo leis a' Ghàidhlig "Airigh"), Hilbré (eilean tioram aig West Kirby) agus Wallasey (leth-eilean, roinnte o tìr mòr le boglaich sàile mus an do thàinig e a bhith na baile iomraill de Poll a' Ghrùthain rè an 19mh linn).