Labhdar

Bothan-càine agus eaglais
Suidheachadh
Labhdair is located in Alba
Labhdair
Labhdair (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle nan Crìochan
Siorrachd Siorrachd Bhearaig
Co-chomharran 55° 43′ 10″ T
2° 44′ 55″ I
Comharradh-clèithe NT530476
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,081 (2001[1])

'S e baile ann an Alba a Deas, ann an Siorrachd Bhearaig, a tha ann Labhdair (Beurla: Lauder).[2][3] Tha e suidhichte aig cois an Lomair Mhòr.

Eachdraidh

deasaich

Chaidh e na bhorgh san 1320an nuair an d'fhuair an Dùghlas Dubh e.[4] Chaidh a' chomhairle bhorgh a sgaoileadh ann an 1975 agus tha fo-chomataidh Comhairle nan Crìochan a stiùireadh Maoin a' Mhaith Chumanta Labhdair.[5] Thog Sir William Bruce an eaglais san 17mh linn. Tha cruth croise Ghreugach oirre. Chaidh turaid-faire a thogail san 1830an, luchd-aiseirighe a bhacadh.[6]

Bha stèisean-rèile ann, ceann an rèile aotrom Lauder, eadar 1901 is 1932.[7]

Iomraidhean

deasaich
  1. Scotland's Census Result OnLine
  2. A-rèir Iain Mac an Tàilleir 's e "Labhdar" (gun caolachadh) a th' ann: “Stòr-Dàta Briathrachais”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2017.
  3. Ach tha Ainmean-Àite na h-Alba a' moladh a' chrutha Beurla: “Lauder”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2017.
  4. Lauder, General”. Canmore. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2017.
  5. Lauder Common Good Fund Subcommittee”. Comhairle nan Crìochan. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2017.
  6. Lauder, East High Street, St Mary's Parish Church”. Canmore. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2017.
  7. Lauder, Station”. Canmore. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2017.