Kgalema Motlanthe
'S e neach-poileataigs Afraganach agus an treas Ceann-suidhe dubh ann an Afraga a Deas a tha ann an Kgalema Petrus Motlanthe (IPA: ˈkxɑ.lɪ.mɑ mʊ.ˈtɬʼɑ.n.tʰɛ , far-ainm sa treubh aige: Mkhuluwa, Boksburg, 19 an t-Iuchar 1949). Bha Motlanthe na cheann-suidhe[1] fad caochladh mhìos, dìreach an dèidh Thabo Mbeki.[2] Cha do deach Motlanthe dhan oilthigh idir, ach chuir e seachad iomadach bhliadhna sna sgoiltean easbaigeach agus theab e a dhol thall thairis airson a bhith na shagart ach dhiùltadh cead-siubhal a thoirt dha. A bharrachd air a bhith an sàs anns an iomairt an aghaidh Apartheid ‘s e Riochdaire nan Aonaidhean Ciùird a th' ann cuideachd. Phòs e ri a bhean, Mapula Mokate, ann an 1976, ach dhealaich iad ann an 2010. 'S e sePedi an cànan a fhuair e bho ghlùn. Ged nach e ach ceann-suidhe eadar-amail a bh' ann, bha e gu math sgileil taobh poileataigs agus ‘s e esan a stiùirich Jacob Zuma dhan cheannas. Thathar dhen bheachd gur e fear an làimh-chlì ath’ann.[3]
Kgalema Motlanthe | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
25 dhen t-Sultain 2008 - 9 dhen Chèitean 2009 ← Thabo Mbeki - Jacob Zuma →
9 dhen Chèitean 2009 - 26 dhen Chèitean 2014 ← Baleka Mbete (en) - Cyril Ramaphosa → | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Johannesburg, 19 dhen Iuchar 1949 | ||||||
Dùthaich | Afraga a Deas | ||||||
Teaghlach | |||||||
Cèile | Mapula Motlanthe (en) | ||||||
Foghlam | |||||||
Cànain | Beurla | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||||||
Creideamh | |||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Mòr-dhàil Nàiseanta Afraga |
Iomraidhean
deasaichP. W. Botha • F. W. de Klerk • Nelson Mandela • Thabo Mbeki • Kgalema Motlanthe • Jacob Zuma • Cyril Ramaphosa