Jacob Zuma
'S e neach-poileataigs Afraganach agus an ceathramh ceann-suidhe dubh ann an Afraga a Deas a th' ann an Jacob Gedleyihlekisa Zuma (Far-ainm san treubh aige: Msholozi, Nkandla, 12 an Giblean 1942). Tha Zuma air a bhith na cheann-suidhe bho 2009,[1] dìreach an dèidh Kgalema Motlanthe. Cha do deach Zuma dhan sgoil idir leis cho bochd 's a bha a chuid phàrantan is chuir e seachd bliadhnachan a' siubhal fad is farsaing san dùthaich aige na fhear-iomairt an aghaidh Apartheid. Tha e air a bhith pòsta sia turas (ioma-phòsadh) agus thathar dhen bheachd gu bheil còrr is fichead duine-cloinne aige.[2] Leig e a dhreuchd suas ann an 2018 is lean Cyril Ramaphosa e mar cheann-suidhe.[3]
'S e isiZulu an cànan a fhuair e on ghlùn is bha a chuid fhreumhan Zulu uabhasach feumail nuair a bha an ANC a' rèiteachadh riaghaltas ùr leis a' cheann-feadhna Mangosuthu Buthelezi,[4] a bha dìreach airson cumhachd dhan na h-AmaZulu fhèin.
San t-Sultain 2021, chuir Cùirt Bun-reachdail Afraga a-Deas às do athchuinge an t-seann Cheann-suidhe Jacob Zuma gus an riaghladh aige a chuir air ais gu 15 mìosan sa phrìosan airson tàir air ceartas.[5]
Iomraidhean
deasaich- ↑ El País
- ↑ The Telegraph
- ↑ “South Africa's Jacob Zuma resigns after pressure from party”, BBC. 15mh dhen Ghearran 2018. Air a thogail 18mh dhen Ghiblean 2018.
- ↑ Sunday Independent
- ↑ Journal de québec
P. W. Botha • F. W. de Klerk • Nelson Mandela • Thabo Mbeki • Kgalema Motlanthe • Jacob Zuma • Cyril Ramaphosa