Kölsch
'S e buidheann de dhual-chainntean a tha ann an Kölsch (Beurla: Colognian) a tha gu math dlùth-chàirdeach do chèile. Tha iad gan bruidhinn gu h-àraidh ann an Köln (Cologne) agus timcheall air Köln ann an ceann an ear-thuath na Gearmailt. Cluinnear iad eadar Düsseldorf sa tuath is Bonn san àird a deas agus eadar Düren san iar is Olpe san ear cuideachd.
Kölsch | ||
---|---|---|
Fuaimneachadh | /kœlʃ/ | |
Far a bheil i 'ga bruidhinn |
| |
Luchd-labhairt iomlan |
250,000 [1] | |
Teaghlach-chànan |
| |
Siostam-litreachaidh | Aibidil Laideannach | |
Còdan Cànan | ||
ISO 639-1 | chan eil | |
ISO 639-2 | gem | |
ISO 639-3 | ksh [2] |
Teaghlach cànain
deasaichBuinidh an Kölsch do mheur nan cànanan Gearmailteach Siarach de theaghlach nan cànanan Innd-Eòrpach. Tha an cànan fhèin air aon de na dual-chainntean den bhuidheann Ripuarian ris an canar Rhinelandic dialects sa Bheurla. Gu ìre mhòr tuigidh luchd nan diofar dhual-chainntean a chèile gun cus strì.
Tha a' bhuidheann nas àirde, Ripuarian Franconian, a' sealltainn gu bheil Kölsch a' gabhail a-steach cuid fhacail a tha ceangailte le Frangais. 'S e as adhbhar gun robh Köln fo smachd Napoleon Bonaparte eadar 1794-1815. Chithear eisimpleirean ann an: malad, Fraingis: malade (a bhith tinn), Panz no Pänz, Fraingis: panse (clann bheag) agus Parraplü, Fraingis: parapluie (sgàilean uisge).
Cleachdadh a' chànain
deasaichTha Kölsch ga bruidhinn le timcheall air 250,000 neach-labhairt, 's e sin gu bhith ¼ de mhuinntir Köln, ach tha iad uile dà-chànanach, tha Gearmailtis oifigeil aca cuideachd. Canar gu bheil a' chuid as motha de mhuinntir nan sgìrean timcheall air Köln, far a bheil mu 10 millean duine a’ fuireach, a' tuigsinn Kölsch.
Cha tèid Kölsch a theagaisg anns na sgoiltean, ach gu math tric tha clasaichean saor-thoileach ann. Tha an cànan gu math làidir a-measg nan seann daoine, chan eil ach beagan aig na daoine òga. Ged nach eil an cànan aig a h-uile duine, tha e gu math fasanta, Kölsch a chleachdadh ann an sanasan reic, ann an irisean agus aig àiteachan poblach.
Tha faclair is leabhar gràmair ann agus thèid leabhraichean fhoillseachadh ann an Kölsch. [3]
Cultar
deasaichTha ceangal làidir eadar cànan agus cultar. Tha taighean-cluiche ann far nach eil ach Kölsch air bruidhinn air an àrd-ùrlar. M.e.: An Volkstheater Millowitsch, taigh-cluich ainmichte a-rèir Willy Millowitsch (1909-1999) no an Hänneschentheater a chaidh a chur air bhonn ann an 1802. Tha bhuidhnean ciùil le Kölsch gu math fasanta, an dà chuid le ceòl tradaiseanta is ceòl ròc. Tha BAP aon de na bhuidhnean ròc as aimeile is soirbheachaile anns a' Ghearmailt. Tha iad a' cluich ann an stoidhle ris an canar Kölsch rock.
'S e cànan mòr-thaitneach a th' ann an Kölsch, gu h-àraidh aig àm càrnabhail. Aig an àm seo thèid a chleachdadh anns na h-òrain is anns na h-òraidean agus cluinnear e anns na sràidean agus air na fèisean.
Rannsachadh
deasaichChaidh rannsachaidhean gu math mionaideach air a dhèanamh mu Kölsch, gu h-àraidh leis an ollamh Adam Wrede (12 an Giblean 1875 ann Düsseldorf gu 21 an Dùbhlachd 1960 ann an Köln). Dh’fhoillsich e trì faclairean nach eil a' gabhail a-steach nam facal a-mhàin ach briathrachas is abairtean cuideachd. Rannsaich e eachdraidh nam facal agus ciamar a bha iad ag atharrachadh tro na linntean. An uair sin bha e gan ceangal le ainm-eòlas is eachdraidh baile Köln.
Tha buidheann ann leis an t-ainm Akademie för uns Kölsche Sproch (acadamaidh don chànan Kölsch againn). Chaidh a stèidheachadh ann an 1983 leis an Stadtsparkasse Köln (Cologne Savings and Loan Association) mar fonndas cultarach a' bhanca. Tha an acadamaidh a' dèanamh cùrsaichean mu litreachas is cuspairean cànanach agus cuiridh iad fèisean air bhonn. Tha iad a' cruinneachadh is ag rannsachadh a' chànain agus gam foillseachadh. Tha leabharlann aca, tha mu 15.000 leabhar ann a tha ceangailte leis a' chànan. Tha cruinneachadh de mheadhanan eile, bhideo, clàran is dealbhan aca cuideachd.
Eisimpleir
deasaichSeo eisimpleir le Kölsch, Àrd-Ghearmailtis oifigeil agus Gàidhlig:
Kölsch
Ard-Ghearmailtis oifigeil |
Gàidhlig |
---|---|
Joden Dach!
Guten Tag! |
Latha math |
Wie isset?
Wie geht es dir? |
Ciamar a tha thu? |
Joot! Un selvs?
Sehr gut! Und wie geht es dir? |
Glè mhath. Agus ciamar a tha thu fhèin? |
Et jeit esu. Isch han de Pips.
Es geht so. Ich habe mich erkältet. |
Chan eil dona. Tha an cnatan orm. |
He is jet loss
Hier ist ja sehr viel los. |
Tha mòran a’ dol an-seo. |
Drink doch eine met!
Wollen wir zusammen einen trinken? |
An gabh sinn deoch? |
Joot, maache mer!
Ja, das machen wir! |
Thèid, nì sinn sin. |
Leabhraichean
deasaich- Neuer kölnischer Sprachschatz, Wrede, Adam. - Köln : Greven-Verl., 2010
- Das kölsche Wörterbuch, Bhatt, Christa. - Köln : Bachem, 2009
- Mer liere Kölsch - ävver höösch, Köln : Bachem, 2009
- Kölsches Schimpfwörterbuch, Hürth : Malzkorn - Layout, Dr., Papier, 2008
Iomraidhean
deasaich- ↑ Kölsch aig Ethnologue
- ↑ SIL
- ↑ Kölsch ann an Leabharlann nàiseanta na Gearmailt (Gearmailtis)
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Akademie för uns Kölsche Sproch, làrach-lìn oifigeil (Gearmailtis)