Joseph Priestley
B’ e ceimigear a bh’ ann an Joseph Priestley.
Rugadh e 13mh am Màrt 1733 ann am Birstall, Siorrachd Eabhraig, Sasainn. Mar easaontaire, cha b' urrainn dha dol dhan Oilthigh Oxford no Oilthigh Chambridge is chaidh e na oileanach anns an Acadamh ann an Daventry. Theagaisg e is shearmonaich e agus chaidh e na mhinistear ann an 1762 agus dh'obair e ann an Leeds far an do rannsaich e dà-ogsaid gualain is bhuannaich e am Bonn Copley airson seo. Choinnich e Antoine Lavoisier nuair a shiubhail e anns an Fhraing.[1] Dh'imrich e do Bhirmingham ann an 1780 agus bha e na bhall an Lunar Society.[2] Dh'imrich e agus a theaghlach do New York ann an 1794 air sgàth 's gun do loisg gràisg a thaigh agus eaglais, is lorg e aon-ogsaid gualain nuair a bha e ann an Ameireaga. Chaochail e 6mh an Gearran 1804 ann an Northumberland ann am Pennsylvania.[1]
Tha e ainmeil air sgàth na obrach aige air ogsaidean agus adhairean eile. Sgrìobh e 6 iom-leabhraichean de Experiments and observations on different kinds of air far an do tug cunntas air nadar-fheallsanachd de ghasan.[3]
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 “Joseph Priestley Discovery of Oxygen National Historic Chemical Landmark”. Comann Ceimigeach Ameireaganach. Air a thogail 27mh dhen Fhaoilleach 2019.
- ↑ “Joseph Priestley”. Lunar Society. Air a thogail 27mh dhen Fhaoilleach 2019.
- ↑ Priestley, Joseph: “Experiments and observations on different kinds of air”. archive.org. Air a thogail 8mh dhen Dàmhair 2016.