John Duncan Fergusson
B' e peantair is cruth-ealantair à Alba agus fear de na Dathaichean Albannach a bha ann an John Duncan Fergusson.
John Duncan Fergusson | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Lìte, 9 dhen Mhàrt 1874 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Glaschu, 30 dhen Fhaoilleach 1961 |
Teaghlach | |
Cèile | Margaret Morris (en) |
Foghlam | |
Foghlam | Colaiste Ealain Dhùn Èideann |
Cànain | Beurla |
Oileanaich | Lawrence Atkinson (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | peantair, snaidheadair agus neach-ealain lèirsinneach |
Ballrachd |
New Scottish Group (en) Scottish Colourists (en) Glasgow Art Club (en) |
Rugadh is thogadh e ann an Lìte is dh'ionnsaich e ealain aig Acadamh nan Urrasairean ann an Dùn Èideann agus ann am Paris ach b' ann air a cheann fhèin a rinn e a' mhòr-chuid de a chùrsa foghlaim. Pheant e cuideachd Fìobha, Afraga a Tuath agus an Spàinn. Chaochail e ann an 1961.[1]
Phòs e an dannsair Margaret Morris. Thachair iad ri chèile ann am Paris ann an 1913 is dh'obraich iad còmhla air pròiseactan dannsa.[2]
Tha gailearaidh ann am Peairt a' cumail cruinneachadh nan obraichean aige agus stuth mu Margaret Morris.[3] Tha cruinneachaidhean eile aig Taigh-tasgaidh Mhic an t-Sealgair, mar eisimpleir Les Eus[4] agus aig Oilthigh Shruighlea.[5]
Ceanglaichean a-mach
deasaich- “John Duncan Fergusson”. Art UK. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2020.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Fergusson Artist Biography”. Scottish Colourists. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2020.
- ↑ “In the Patio: Margaret Morris”. Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2020.
- ↑ “The Fergusson Gallery”. Comhairle Pheairt agus Ceann Rois. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2020.
- ↑ “Les Eus”. Art UK. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2020.
- ↑ “John Duncan Fergusson (1874 – 1961)”. Oilthigh Shruighlea. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2020.
Na Dathaichean Albannach | Francis Cadell • John Duncan Fergusson • Leslie Hunter • Samuel Peploe |
Sgoiltean | Acadamh Colarossi • Acadamh Julian • Acadamh nan Urrasairean |
Buaidh | Anne Redpath • Perpetua Pope |