B' e cluicheadair agus manaidsear ball-coise às Na Tìrean Ìsle a bh' ann an Johan Cruyff (IPA: ˈjoːɦɑn ˈkrœy̆f, ainm slàn: Hendrik Johannes Cruijff, Amsterdam, 25 an Giblean 1947Barcelona, 24 am Màrt 2016).[1]

Johan Cruyff
Beatha
Ainm slàn Hendrik Johannes Cruijff
Breith Betondorp (en) Translate agus Amsterdam, 25 dhen Ghiblean 1947
Dùthaich  Rìoghachd nan Tìrean Ìsle
Ciad chànan Duitsis
Bàs Barcelona, 24 dhen Mhàrt 2016
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (aillse an sgamhain)
Teaghlach
Cèile Danny Coster (en) Translate  (2 dhen Dùbhlachd 1968 -  24 dhen Mhàrt 2016)
Clann
Foghlam
Foghlam Sunday school (en) Translate
Cànain Duitsis
Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd cluicheadair ball-coise nan comann, manaidsear buill-choise agus coach (en) Translate
Eachdraidh
Clubaichean Bliadhnaichean G T
[[AFC Ajax (en) Translate]]1964-1973240190
[[Netherlands national association football team (en) Translate]]1966-19774833
[[Catalonia national football team (en) Translate]]1973-197620
[[FC Barcelona (en) Translate]]1973-197814348
[[Los Angeles Aztecs (en) Translate]]1979-19792313
[[Washington Diplomats (en) Translate]]1980-19813012
[[AFC Ajax (en) Translate]]1981-19833614
[[Levante UD (en) Translate]]1981-1981102
[[Feyenoord Rotterdam (en) Translate]]1983-19843311
[[AFC Ajax (en) Translate]]1985-1988
[[FC Barcelona (en) Translate]]1988-1996
[[Catalonia national football team (en) Translate]]2009-2013
 
Ionad no sònrachas cluicheadair-meadhain
toisiche
Cuideam 68 kilogram
Àirde 178 centimetre
Duaisean a fhuaras
IMDb nm1095991
johancruyff.com

Cluicheadair

deasaich

Thoisich Cruyff ri cluiche còmhla ri Ajax, sgioba a bhaile aige fhèin, ann an 1957, nuair a bha e na bhalach òg. Chaidh e dhan sgioba mòr ann an 1964,[2] far a chuir e seachad 9 bliadhna, mus do chuir e ainm do chùmhnant airson Barcelona, thall san Spàinn.[3] Dh'fhuirich e an-siud is e na chluicheadair gu ruige 1978. nuair a dh'fhàg e an Roinn-Eòrpa airson na Los Angeles Aztecs, fad seusan, agus seusan eile leis na Washington Diplomats sna Stàitean Aonaichte. An uair sin thill e dhachaigh gu Levante, ann an València, Ajax a-rithist agus mu dheireadh thall seusan le Feyernoord ann an Rotterdam. A bharrachd air sin, chluich e 48 geamaichean airson sgioba nàiseanta nan Tìrean Ìsle.

Manaidsear

deasaich

An dèidh Feyernoord a leigeil ann an 1984, thoisich e a bhith na mhanaidsear còmhla ri Ajax, far an do chuir e seachad trì bliadhna.[4] Thill e gu Barcelona ann an 1988,[5] far an robh e uabhasach soirbheachail mar mhanaidsear fad ochd bliadhna. Leig e dheth a dreuchd an siud ann an 1996. Bha e os cionn sgioba nàiseanta Catalòinia eadar 2009 is [2011].[6] Phòs Cruyff le Danny Coster ann an 1968. Tha triùir duine-chloinne aca: Chantal, Susila agus Jordi. Thug iad an t-ainm Jordi air nuair a bha na h-ainmean Catalanach mì-laghail san Spàinn, ri linn Deachdaireachd Franco. Tha na daoine ann an Catalòinia uabhasach measail air air a shon. Thathar dhen gur e an cluicheadair as fheàrr a bh' ann a-riamh san Roinn-Eòrpa.[7]

Chaochail e ann an 2016.[6]

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. JOHAN CRUYFF”. International Football Hall of Fame. Air a thogail 25mh dhen Ghiblean 2018.
  2. Ajax
  3. 1969–1978. Cruyff, democràcia(Catalanais). FC Barcelona. Air a thogail 25mh dhen Ghiblean 2018.
  4. Ajax
  5. 1988. El retorn de Johan Cruyff(Catalanais). FC Barcelona. Air a thogail 25mh dhen Ghiblean 2018.
  6. 6.0 6.1 Welch, Julie (24mh dhen Mhàrt 2016): “Johan Cruyff obituary: Europe's first football superstar”. The Guardian. Air a thogail 25mh dhen Ghiblean 2018.
  7. Die größten Fußballer der Geschichte