Inbhir Ghòrdain
(Air ath-sheòladh o Invergordon)
Inbhir Ghòrdain | |
Port Nach Breacaidh ann an Inbhir Ghòrdain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Ros an Ear |
Co-chomharran | 57° 41′ 16.51″ 4° 9′ 25.34″ |
Comharradh-clèithe | NH715685 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 4,075 (2011) |
Àireamh fòn | 01349 |
Còd-puist | IV18 |
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Inbhir Ghòrdain[1] no an Rubha (Beurla: Invergordon).[2] A-rèir Iain Mhic an Tàilleir chaidh an t-ainm Rubha Nach Breacaidh a chleachdadh cuideachd, b' e sin an t-àite far an robh na h-aiseagan a' falbh bhon bhaile gu àitichean eile.[2]
Tha am baile suidhichte air bruach Chaolais Chrombaidh, tha Cromba air an taobh eile dhen chaolas. Tha stèisean-rèile ann air Loidhne Chinn a Tuath eadar Alanais agus Manachainn Rois.[3][4]
Tha port-mara aige ris an canar Port Nach Breacaidh. Is e Inbhir Ghòrdain am port as trainge ann an Alba airson soithichean luchd-turais.[5]
Anns a' bhliadhna 2001 bha 3,890 duine a' fuireach an seo.[6]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Inbhir Ghòrdain/Invergordon”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
- ↑ 2.0 2.1 Mac an Tàilleir, Iain (2003): “Ainmean-Àite”, td. 66. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2017.
- ↑ “Invergordon”. Rèile na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ “Scotrail: Station Names 2015”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2016 (pdf).
- ↑ BBC Alba (2014-03-20): Inbhir Ghòrdain am port as trainge
- ↑ Scotland's Census Result OnLine
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NH7141768471
- BBC Naidheachdan 2018-11-26: Leasachadh aig cidhe Inbhir Ghòrdain