B' e Georges Remi no Hergé (IPA: ɛʁʒe) mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e, a rugadh air an 22 an Cèitean, 1907 ann an Etterbeek agus a bhàsaich air an 3 am Màrt, 1983 ann am Woluwe-Saint-Lambert, ùghdar-chomaigean beilgeach a bha aithnichte gu h-àraidh airson Na Dàna-thursan aig Tintin.[1]

Hergé
art director (en) Translate

Beatha
Ainm slàn Georges Prosper Remi
Breith Etterbeek (en) Translate, 22 dhen Chèitean 1907
Dùthaich  A' Bheilg
Àite-fuirich Etterbeek (en) Translate
Etterbeek (en) Translate
Watermaal-Boosvorde
Céroux-Mousty (en) Translate
Bàs Woluwe-Saint-Lambert - Sint-Lambrechts-Woluwe (en) Translate agus A' Bhruiseal, 3 dhen Mhàrt 1983
Àite-adhlacaidh cladh Dieweg
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (bànachadh-fala)
Teaghlach
Cèile Germaine Kieckens (en) Translate  (1932 -  1977)
Fanny Rodwell (en) Translate  (1977 -  1983)
Foghlam
Foghlam Institut Saint-Luc (en) Translate
Q97278379 Translate
(29 dhen t-Sultain 1913 - dhen Ògmhios 1914)
Q98667129 Translate
(dhen t-Sultain 1914 - 1919)
Q98668065 Translate
(7 dhen Dàmhair 1919 - 1920)
Institut Saint-Boniface-Parnasse (en) Translate
(dhen t-Sultain 1920 -
Cànain Fraingis
Brusselian (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd cartùnaiche, sgrìobhadair, neach-ealain dhealbhan-èibhinn, sgrìn-sgrìobhaiche, dealbhadair, neach-tarraing agus dealbhadair stampaichean puist
Fastaichean Le XXe Siècle (en) Translate  (1 dhen t-Sultain 1925 -  8 dhen Chèitean 1940)
Casterman (en) Translate  (dhen Mhàrt 1934 -
Le Soir (en) Translate  (15 dhen Dàmhair 1940 -  3 dhen t-Sultain 1944)
Le Lombard (en) Translate  (26 dhen t-Sultain 1946 -
Tintin (en) Translate  (26 dhen t-Sultain 1946 -
Obraichean comharraichte Na Dàna-thursan aig Tintin
Quick & Flupke (en) Translate
Jo, Zette and Jocko (en) Translate
Popol out West (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Buaidh Three Men in a Boat (en) Translate, They and I (en) Translate, Roughing It (en) Translate, George McManus (en) Translate, Georges Colomb (en) Translate, Jean-Jacques Waltz (en) Translate agus Alain Saint-Ogan (en) Translate
Ballrachd Q98668596 Translate
Gluasad School of Brussels (en) Translate
Far-ainmean Hergé
Gnè ealain ligne claire (en) Translate
Seirbheis san arm
Strì An Dàrna Cogadh
Creideamh
Creideamh lapsed Catholic (en) Translate
IMDb nm0378960
tintin.com…

An toiseach, b' e dealbhaiche amaitearach aig ràitheachan nan scouts a bh' ann, agus bhiodh e a' soighneadh a bhannan-comaige leis an fhrith-ainm "Hergé", air a chruthachadh às na tùsagan "R" agus "G" bhon ainm aige. An ceann corra mhìos, ghabh e anns an làitheachan Le Vingtième Siècle, far an deach a chliù am meud gu luath air sgàth Na Dàn-thursan aig Tintin. Dh'fhoillsicheadh sin sa chiad dol a-mach ann an earrann-leasachaidh dhen iris òigridh, Le Petit Vingtième. Smaoinichear an-diugh air Hergé mar "phrìomh athair nan comaigean eòrpach", agus e air fear de na ciad ùghdaran frangach a bhith a' dealbhadh le stoidhle bhuilgeanach nan comaigean ameireaganach.[2]

Rè nan 30an, sgaoil Hergé obair ealain gu iomadh raon (dealbhan irise, nobhaile, chairtean agus sanais-reic) agus e a' cumail ris na dealbhan-èibhinn fad an t-siubhail. Chruthaich e turas mu seach Les Exploits de Quick et Flupke (1930), Popol et Virginie au pays des Lapinos (1934) agus mu dheireadh Les Aventures de Jo, Zette et Jocko (1935). An dèidh a' chomaig Tintin au pays des Soviets, far an tug e air a charactar òg bhith cur aghaidh ri gàbhaidhean ann an tìr nan sovietach, chuir e a-mach Tintin sa Chongo agus Tintin ann an Ameireaga. Is ann an dubh is geal a bha na comaigean sin. An 1934, chuir e eòlas air Tchang Tchong-Jen, oileanach òg sìonach a bha ag ionnsachadh ann an Académie royale des beaux-arts sa Bhruiseal. Thug seo cruth-atharrachadh air smuain is stoidhle Hergé. Thòisich e air rannsachadh son a' chiad uair, agus dhealbhaich e Le Lotus bleu, fhathast an dubh is geal.

Rè an Dàrna Cogaidh, dh'fhoillsich Hergé Na Dàna-thursan aig Tintin san iris-leasachaidh òigridh aig an làitheachan Le Soir, fhad 's a bha an Fhraing fo cheannsal nan Gearmailteach;[3] rud a chuir fìor droch shnuadh air a theist agus a rinn gun deach fàgail air aig àm saoradh na Frainge a bhith ri co-obrachadh leis na Nàsaich. Chaidh a chur air ais san dìollaid ge-tà le seann fhear an résistance, Raymond Leblanc, a bha na dheasaiche air an iris Tintin bho 1946. Chaidh Hergé na dheasaiche ealantais air an iris sheachdaineil seo, iris a chuir na h-uibhir ri saoghal nan comaigean frangach-beilgeach, agus a leig leis a stoidhle fhèin a stèidheachadh, stoidhle ris an canar ligne claire san fhraingis (strìoch-shoilleir). Bha Hergé làn tèomachd is lèirsinn 's gun do leasaich e an dòigh-dhealbhaidh seo rè nan 50an 's nan 60an anns an iris Tintin fhad 's a bha e a' cumail air a' deasachadh Jo, Zette et Jocko agus gu h-àraidh, Quick et Flupke. Mhair Tintin mar phrìomh obair dha ge-tà, 's choisinn e cliù dha air feadh na Roinn-Eòrpa, agus an dèidh sin, air feadh an t-saoghail.[4]

Ceanglaichean A-muigh

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Philippe Goddin, Hergé : lignes de vie (biographie), A' Bhruiseal, Éditions Moulinsart, 2007, ISBN 978-2-874-24097-3
  2. Tintin à Bruxelles, Bruxelles Internationale
  3. Philippe Goddin, Hergé : lignes de vie (biographie), Bruxelles, Éditions Moulinsart, 2007, ISBN 978-2-874-24097-3
  4. Dominique Maricq, Hergé par lui-même, A' Bhruiseal/ Paris, Moulinsart J'ai lu, coll. « Librio. BD », 2007, ISBN 978-2-290-00005-2