'S e seinneadair Albannach a bh' ann an Harry Lauder (4mh an Lùnastal 187026mh an Gearran 1950). Rugadh agus thogadh e ann an Dùn Èideann,[1] ach dh'fhalbh a mhàthair còmhla ris an teaghlach an toiseach gu Obar Bhrothaig ann an 1882 nuair a chaochail athair, agus ann an 1884 gu taigh a bhràthar ann an Hamilton. Dh'fhàg Harry an sgoil an uair sin, is thòisich e obair ann an Eddlewood Colliery. 'S ann an sin a choinnich e ri Ann Vallance, is phòs iad ann an 1891.[1]

Harry Lauder
Beatha
Breith Portobello, 4 dhen Lùnastal 1870
Dùthaich  Alba
Bàs Srath Athainn, 26 dhen Ghearran 1950
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd actair, seinneadair, sgrìobhaiche òran agus actair film
Duaisean a fhuaras
Inneal-ciùil guth
Taigh-clàraidh Victor Talking Machine Company (en) Translate
IMDb nm0490743

Fiù 's nuair a bha e gu math òg, b' àbhaist do Harry a bhith a' gabhail òrain gach turas a bhiodh cothrom aige, anns an talla-chiùil, no fiù 's anns a' mhèinn am measg an luchd-obrach.

Dh'fhàs e ainmeil gu luath is choisinneadh e deagh thuarasdal sna taighean-cluiche air feadh Alba, le òrain mu dheidhinn chuspairean traidiseanta à Alba is à Èirinn, ann an stoidhle "Music Hall" no "Vaudeville" a bha fasanta aig an àm. Òrain a rinn e fhèin, m.e. Roamin' in the Gloamin' , I Love a Lassie agus A Wee Deoch-an-Doiris.

Bhiodh fèileadh mhòr agus bonaid an-còmhnaidh air, is bhiodh e a' togail inntinn nan Albannach le òrain a bhrosnaicheadh fèin-aithne nàiseantach ann an dòigh èibhinn is aotrom, gu tric còmhla ri fealla-dhà is dannsaichean leis a bhata toinnte. Mar a thuirt Winston Churchill, b' e esan an tosgair a b' fheàrr a-riamh aig na h-Albannaich.

Sheinneadh e gu tric do na saighdearan anns a' Chogadh Mhòr, is fiù 's do Sheòras V, agus air sgàth an cliù cho mòr a choisinn e, bhiodh e a' faighinn an tuarasdal a b' àirde a-riamh aig seinneadair aig an àm sin.

Ann an 1916 chaochail a mhac John anns a' chogadh, is rinn e òran dha, The End of the Road. Bhiodh e fhathast a' brosnachadh nan Albannach anns an Dàrna Chogadh, aig an aon àm a bhiodh e gan riochdachadh air feadh an t-Saoghail.

Chaochail e ann an 1950 ann an Srath Athainn, nuair a bha e faisg air 80 bliadhna a dh'aois.

Urraman

deasaich

Chaidh e na ridire ann an 1919.[1]

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 1.2 Sir Harry Lauder (1870-1950)”. Clàran Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 26mh dhen Ghearran 2018.