'S e neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach às an t-Suain a th' ann an Hans Martin Blix (Uppsala, 28 an t-Ògmhios 1928).[1] Tha e air a bhith ag iomairt ann am poileataigs fad a bheatha mar bhall nan Liberalerna (a tha a' gabhail ri Libearalas) an dà chuid san t-Suain agus thall thairis cuideachd. Chaidh e gu Oilthigh Uppsala agus Oilthigh Cholumbia agus fhuair e dotaireachd à Oilthigh Chambridge.[2] Fhuair e dotaireachd ann an lagh à Oilthigh Stockholm ann an 1959 cuideachd.[3] B' ann à Jämtland a bha an teaghlach Blix o chion fhada. Bha athair na cheimigear agus b' e ollamh a bh' ann a sheanair.

Hans Blix
Hans Blix in Vienna 2002.jpg
Q10711557 Translate

1963 - 1976
Ministear Cùisean Cèin na Suaine

18 dhen Dàmhair 1978 - 12 dhen Dàmhair 1979
Karin Söder (en) Translate - Ola Ullsten
director general (en) Translate

1981 - 1997
Sigvard Arne Eklund (en) Translate - Mohamed ElBaradei (en) Translate
Beatha
Breith Uppsala, 28 dhen Ògmhios 1928
Dùthaich  An t-Suain
Teaghlach
Athair Gunnar Blix
Foghlam
Foghlam Oilthigh Uppsala
Oilthigh Stockholm
Oilthigh Cholumbia
Talla na Trianaide
Àrd-fhoghlam Candidate of Law (en) Translate
Dotair Feallsanachd
Doctor of Laws (en) Translate
Cànain Suainis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, lagh-eòlaiche, dioplomat agus seirbheiseach catharra
Fastaichean Na Dùthchannan Aonaichte
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan Cogaidh
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach nan Daoine

Bho 1962 gu ruige 1978, riochdaicheadh e An t-Suain aig co-labhairtean dì-armachaidh ann an Geneva. Bha e na Mhinistear nan Dùthchannan Cèin (Suainis: utrikesminister) airson nan Libearalach fad bliadhna eadar 1978 agus 1979 agus b' e esan fhèin a bha os cionn na h-iomairt san dùthaich airson cumhachd niùclasach a chumail, ann an 1980.[4] Fhuair e dreuchd mar cheannard na Buidhne Eadar-nàiseanta airson Chumhachd Niùclasach ann an 1981, far an robh e gus a leig e a dhreuchd dheth ann an 1997.[5] Nuair a bha Na Stàitean Aonaichte agus a chuid chaidreabhaich airson ionnsaigh a thoirt air Ioràc ann an 2003, thàinig e air ais. Bha na thuirt e an aghaidh argamaidean nan Stàitean gu math connspaideach, leis gu robh esan gan comhachadh.[6]

IomraidheanDeasaich

  1. IMDB
  2. Uppsala Universitet
  3. Columbia
  4. Svenska Dagsblat
  5. El País
  6. The Guardian