'S e inneal chogaidh neo arm-seilg a tha ann an gunna neo isneach a chaidh innleachadh ré nam Meadhan-Aoisean.

Saighdear le gunna, dealbh às an 16mh linn

Aig a char as simplidh is cruth do ghunna feadan meatailt, ceann dùinte ach airson toll beag don ainm an cluasag agus beul fosgailte aig a cheann eile. Feumaidh do fheadan a' ghunna a bhith teannaichte sìos air creathail, carbad, neo stoc.

Chuireadh urchair de pùdar dubh anns a' cheann dùinte agus ball (a thilgeas an arm ) os a chionn. Nuair a thèid loisgeadh air an urchair, le cuir maidse ris a' chluasag, loisgidh e gu léir anns a' bhad, a' saoradh bolg mòr de gasaichean teth a phutas am ball a mach à beul a' ghunna.

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: