Mean-fhàs
Bheir Mean-fhàs (cuideachd gnè-fhàs) tuairisgeul air cùrsa atharrachaidh troimh tìde, gu h-àraid na h-atharrachaidhean ginteil ann am fàs-beairtean troimh na ginealaichean.
Smaoinich Jean-Baptiste Lamarck gun d' fhuair an ath-ghinealach cuid de na h-atharrachaidhean a thachair anns a' ghinealach mu dheireadh.[1] B' e Charles Darwin a mhol gun do dh'obraicheadh mean-fhàs tro thaghaidh nàdarra. Tha seo a' ciallachadh gun do mhaireadh na fàs-bheairtean as freagarraiche airson nan àrainneachd fhèin.[2] Chaidh an teòirig seo a mhìneachadh ann an dà phàipeir le Darwin fhèin agus Alfred Russel Wallace aig a' Chomainn Linnéach ann an Lunnainn ann an 1858. Ged a sgrìobh Darwin mu dhèidhinn fichead bliadhna air ais cha do dh'fhoillsich e i is b' e iongnadh leis dè sgrìobh Wallace. Dh'aontaich iad an obair a phreasantaigeadh còmhla, ach aig an àm siud bha Darwin tinn is Wallace anns na h-Eileanan Mholucca.[3]
Lorg Gregor Mendel, a bha na mhanach anns an Ostair, fianais dè bha a' dol tro na ginealaichean nuair a rannsaich e briodadh nam peasraichean eadar 1856 is 1863.[4]
B' e Thomas Hunt Morgan a chruthaich eòlas-gintinneachd mar shaidheans nuair a rannsaich e cuileagan-measach is bhriod e mìltean de chuileagan. Lorg e mùthadh gine nuair a rugadh cuileag le sùilean geala an àite sùilean dearga ach b' urrainn do chuileag seo briodadh le cuileagan eile. Cha b' e seòrsa ùr a bh' ann, dìreach mùthadh.[5]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Early Concepts of Evolution: Jean Baptiste Lamarck”. Understanding Evolution. Oilthigh Bherkeley. Air a thogail 31mh dhen Dàmhair 2021.
- ↑ Lennox, James (24mh dhen Iuchar 2019): Zalta, Edward N.:“Darwinism”. The Stanford Encyclopedia of Philosophy (Fall 2019 Edition). Air a thogail 18mh dhen Dàmhair 2021.
- ↑ Marshall, Eleanor (1d dhen Iuchar 2018): “160th anniversary of the presentation of "On the tendency of Species to form Varieties"”. Comann Linnéach. Air a thogail 31mh dhen Dàmhair 2021.
- ↑ “Gregor Mendel: the ‘father of genetics’”. John Innes Centre. Air a thogail 31mh dhen Dàmhair 2021.
- ↑ “Chromosomes, Mutation, and the Birth of Modern Genetics: Thomas Hunt Morgan”. Understanding Evolution. Oilthigh Bherkeley. Air a thogail 31mh dhen Dàmhair 2021.