Chaidh George W. Bush (rugadh 6 an t-Iuchar, 1946) a thaghadh mar ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte ann an 2000 agus bhuannaich e an dara thaghadh aige ann an 2004. 'S e Poblachdach a th' ann am Bush agus mus robh e na ceann-suidhe 's e Riaghladair Texas a bh' ann. S' ann bho Midland ann an Texas a bhuineas e agus tha tuathanas aige ann an Crawford faisg air Waco. 'S e ceann-suidhe a bh' ann an athair, George H. W. Bush, cuideachd a sheas eadar 1988 agus 1992.

George W. Bush
president (en) Translate


46. Riaghladair Texas

17 dhen Fhaoilleach 1995 - 21 dhen Dùbhlachd 2000
Ann Richards (en) Translate - Rick Perry
34. Ceann-suidhe taghte nan Stàitean Aonaichte

12 dhen Dùbhlachd 2000 - 20 dhen Fhaoilleach 2001
Bill Clinton - Barack Obama
Taghadh: 2000 United States presidential election (en) Translate
43. Cinn-suidhe nan Stàitean Aonaichte

20 dhen Fhaoilleach 2001 - 20 dhen Fhaoilleach 2009
Bill Clinton - Barack Obama
Taghadh: 2000 United States presidential election (en) Translate, 2004 United States presidential election (en) Translate
Beatha
Ainm slàn George Walker Bush
Breith New Haven, 6 dhen Iuchar 1946
Dùthaich  Na Stàitean Aonaichte
Àite-fuirich Dallas
Ciad chànan Beurla Aimeireaganach
Teaghlach
Athair George H. W. Bush
Màthair Barbara Bush
Cèile Laura Bush (en) Translate  (5 dhen t-Samhain 1977 -
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine teaghlach Bush
Foghlam
Foghlam Oilthigh Yale
St. Anthony Catholic School (en) Translate
Davenport College (en) Translate
The Kinkaid School (en) Translate
(1959 - 1961)
Acadamh Phillips
(1961 - 1964)
Colaiste Yale
(1964 - 1968) Baidealair nan Ealan : eachdraidh saidheans
Harvard Business School (en) Translate
(1973 - 1975) Master of Business Administration (en) Translate
Cànain Beurla
Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, òraidiche bhrosnachail, fèin-bheatha-eachdraiche, peantair, cluicheadair rugby nan 15, oifigear, stàitire, neach-gnìomhachais, financier (en) Translate agus governor (en) Translate
Teamplaid:Bogsa eachdraidh-bheatha/spòrs/rugbaidh
Àirde 183 centimetre, 182 centimetre
Àitichean-obrach Austin agus Washington
Duaisean a fhuaras
Ballrachd American Legion (en) Translate
Seirbheis san arm
Meur an airm Feachdan Adhar nan Stàitean Aonaichte
National Guard (en) Translate
Ìre first lieutenant (en) Translate
senior lieutenant (en) Translate
Strì Iraq War (en) Translate
War in Afghanistan (en) Translate
Insurgency in the Maghreb (2002–) (en) Translate
War in Somalia (2006–2009) (en) Translate
Moro conflict (en) Translate
insurgency in Khyber Pakhtunkhwa (en) Translate
Creideamh
Creideamh An Eaglais Mheathodach Aonaichte
Eaglais Easbaigeach nan Stàitean Aonaichte
Meathodachd
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Poblachdach
IMDb nm0124133
georgewbush.com

Tha George Bush pòsta ri Laura agus tha dà nighean aca a tha nan caignich; Jenna agus Barbara. Chaidh a' bhreith ann an Connecticut agus a dh'fhoghlam mar oileanach aig Oilthigh Yale, oilthigh ainmeil aig a tha deagh-chliù. Gidheadh, cha do ghabh e deagh-chomharran.[1]

'S e pìleat a bh' ann aig àm Chogadh Bhiet-Nam ach cha do ghabh è pàirt ann. Ann an 1972, chuir feachd an adhair à rèim Bush oir nach do dh'fhreasgair e deuchainn riantanach.[2]

Anns an taghadh airson ceann-suidhe na Stàitean Aonaichte an 2000 bha torr trioblaid aca ann am Florida le no bhòtaichean agus cha robh moran cinnteach co a bha air buannachadh agus cha deach aonadh a ruighean air co a bh' ann airson coir is mìos agus feum aig an Àrd Chùirt sùil a thoirt air cùisean agus taghadh co a bha air buannachadh. Thagh iad stad a chuir air na conntaidhean agus na ath-chunntaidhean agus dh'fhoillsich iad gur è Bush a bha air buaidh fhaighinn agus a bhiodh na Cheann-suidhe. Chaidh pìos mhòr den sluagh ann an Ameireaga an aghaidh an seo agus bha torr feargach mu dheidhinn.

Sheas Bush a-rithist anns an taghadh airson ceann-suidhe ann an 2004, le John Kerry an seanaiche bho Massachusetts a seasamh na aghaidh airson am Pàrtaidh Deamocratach agus bhuannaich è airson an dara àm .

An dèidh na ionnsaighean sgeimhleadh a thachair air an 11 den t-Sultain, ris an canar 9/11, dh'òrdaich Bush ionnsaigh air Afghanistan agus ann an 2003 Ioràc. Chaidh gach dùthaich a chuir fo cheannsail agus greim fhaighinn air prìomhaire na h-Ioràc, Saddam Hussein agus e a-nis air dheuchainn aig cùirt airson droch-gnìomhan aige nuair a bha è an cumhachd. Tha taghaidhean saor aca ann an Ioràc a-nis airson a chiad turas ach tha torr bhlàr is trioblaid a dol fhathast agus feagal ann gum toisich cogadh agus aramach san dùthaich.

Bha a' chuid mhòr den t-saoghal an aghaidh an cogadh ann an Ioràc agus iad a smaoineachadh gur è mearachd a bh' annta gus gun robh e cearr agus fiù olc a dhol a steach don dùthaich mar a chaidh. Tha feadhainn eile, gu h-àraidh luchd leanmhainn Bush, a smaoineachadh gu bheil na cogaidhean an Afghanistan agus Ioràc, mar pàirt den "War on Terrorism" a dh'fhoillsich Bush an dèidh 9/11, eiseal airson na Stàitean Aonaichte, agus an t-saoghal gu mòr, a chumail saor agus sàbhailte. 'S e aon de na rudan a tha Bush agus Aimeireaga a feuchainn ri dhèanamh le na cogaidhean deamocrasaidh a leasachadh anns na sgìrean, gu h-àraidh an Ear Mheadhanach.

Iomraidhean

deasaich
  1. Lua error in package.lua at line 80: module 'Module:Citation/CS1/Suggestions' not found.
  2. Rutenberg, Jim (May 17, 2004). Lua error in package.lua at line 80: module 'Module:Citation/CS1/Suggestions' not found.