'S e blog naidheachd a th' ann an Geidh.uk a bhios a' foillseachadh naidheachdan LGDT+ (Leasbach, Gèidh, Dà-sheòrsach is Tar-ghnèitheach+) tro mheadhan a’ Ghàidhlig.

Eachdraidh deasaich

Chaidh a stèidheachadh mar Naidheachdan Pinc air 14mh Màrt 2008 le Crìstean MacMhìcheil.[1]

Amasan deasaich

’S e prìomh amasan Geidh.uk:

  • a’ tabhann seirbheis naidheachd do Ghàidheil LCDTE+;
  • a’ brosnachadh cultar, dualchas agus ealain LCDTE+ taobh a-staigh coimhearsnachd na Gàidhlig;
  • a’ brosnachadh co-ionnanachd agus iomadachd;
  • a’ lughdachadh iomallachd sa choimhearsnachd LCDTE+ Gàidhealach le bhith a’ cruthachadh cheanglaichean brìoghmhor agus luachmhor.[2]

Briathrachas LGDT+ Gàidhlig deasaich

Mar phàirt dhen obair aca tha Geidh.uk air liosta mhòr de bhriathrachas LGDT+ Gàidhlig a chruinneachadh air an làrach-lìn aca.[3]

Nòta mun aimn deasaich

A-rèir Crìstean bidh e a' cleachdadh geidh seach gèidh ann an ainm an làraich air sgàth 's nach bi URLan le stràcan nam broinn air an taisbeanadh gu ceart anns a h-uile àite. Mar eisimpleir bidh Facebook a' taisbeanadh Gèidh.uk mar xn–gidh-50a.uk.[2]

Iomraidhean deasaich

  1. Naidheachdan Pinc https://gd.wikipedia.org/wiki/Naidheachdan_Pinc
  2. 2.0 2.1 Mar deidhinn https://web.archive.org/web/20210516092622/https://geidh.uk/mar-deidhinn/
  3. Briathrachas LGDTCE+ https://web.archive.org/web/20210516075421/https://geidh.uk/briathrachas-lcdt/

Ceanglaichean a-muigh deasaich