'S e làrach-lìn a th' ann an Naidheachdan Pinc a bhios a' foillseachadh naidheachadan LCDT (Leasbach, Co-ghnèitheach, Dà-ghnèitheach & Tar-ghnèitheach) bho air feadh an t-saoghal. Chaidh an làrach-lìn a chruthachadh 14mh Màrt 2008 le Crìstean MacMhìcheil, oileanach a' dèanamh Ceum BA ann an Gàidhlig 's Iomall a' Chuain Siar aig Sabhal Mòr Ostaig. Chaidh Naidheachdan Pinc a chruthachadh a' cleachdadh Wordpress, bathar-bog air loidhne a bhios a' toirt cothrom ri dhaoine làraichean-lìn agus blògaichean a chruthachadh. Air 01d Dàmhair 2008 chaidh Naidheachdan Pinc a ghluasad bho Wordpress gu Squarespace agus dhan làrach-lìn ùr www.NaidheachdanPinc.co.uk.

Amasan deasaich

'S e amas Naidheachdan Pinc naidheachdan LCDT bhon air feadh an t-saogahl fhoillseachadh gu tur tro mheadhan na Gàidhlig.

Sgrìobhadairean deasaich

Tha Crìstean MacMhìcheil na neach-deasachaidh agus sgrìobhadair agus e ficheachd bliadhna a dh’aois, co-sheòrsach (gay) agus na oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig a’ dèanamh Ceum BA ann an Gàidhlig ’s Iomall a’ Chuain Siar. Tha e ag ionnsachadh na Gaeilge.

Tha Eli Dhòmhnallach na sgrìobhadair agus i na maighistir-lìn aig Companaidh nan Iasad Oileanach. Tha i a’ fuireach ann an Glaschu leis a' chat reamhar aice.

Tha Alasdair Justice na sgrìobhadair agus e ag ionnsachadh na Gàidhlig. Tha e a' fuireach ann an California anns na Stàitean Aonaichte.

Tùsan deasaich

Ceanglaichean Taobh a-Muigh deasaich