Geàrrloch
Geàrrloch | |
Geàrrloch, meadhan a' bhaile | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Co-chomharran | 57° 43′ 40.8″ T 5° 41′ 27.6″ I |
Comharradh-clèithe | NG803769 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 740 (2011) |
Àireamh fòn | 01445 |
Còd-puist | IV21 |
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Geàrrloch (Beurla: Gairloch).[1] Tha am baile suidhichte air bruach Loch Gheàrrlochair taobh an iar-thuath na h-Alba.
Tha roinn turasachd as t-samhradh gu math cudromach airson a’ bhaile. Tha raon-goilf, taigh-tasgaidh beag, taighean-òsta agus Ionad Choimhearsnachd ann. Tha an stèisean-rèile as faisge aige ann an Achadh na Sìne.
Tha Rèidio dà Locha, an stèisean rèidio as lugha ann an Alba, stèidhichte ann an Geàrrloch.
Chaidh am bàrd Uilleam Ros a thìodhlacadh ann an Geàrrloch. B' e am "Bàrd Gheàrrloch" am far-ainm a bha air. Rugadh e anns an Eilean Sgitheanach ach bhuineadh teaghlach a mhàthar do Sgìre Gheàrrloch. Ghluais an teaghlach aige gu Geàrrloch far an robh e na mhaighstir-sgoile. Bha e ainmeil airson nan òran aige, gu h-àraid bàrdachd romansach.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Geàrrloch/Gairloch”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 802 768
- BBC Naidheachdan: 2015-06-15: Sgeulachd thiamhaidh “Sleepy Time Gal” (aithris bhideo agus teacsa a thaobh call itealain ann an 1945 faisg air Geàrrloch)
- BBC Naidheachdan: 2016-07-11: Gearain mu phlanaichean òtrachais
- BBC Naidheachdan: 2016-12-16: Maoineachadh do Thaigh-Tasgaidh Gheàrrloch
- BBC Naidheachdan: 2019-06-17: Taigh-tasgaidh ùr Gheàrrloch an ìmpis fosgladh (aithris-bhideo 2:32)