Gainisg

a' còmhnaidh am measg fòlach is luachair fhada mu bhruachan allt agus an oir lochan

Bha a' Ghainisg a' còmhnaidh am measg fòlach is luachair fhada mu bhruachan allt agus an oir lochan.

Bha i glè bheag na meudachd. Bhiodh i ri cluinntinn a' tuireadh 's a' bròn ro ànradh aimsir airson an fheadhainn a bha gu bhith air an call san doineann air muir no tìr.

"Gainisgeag bheag a' bhròin A' sileadh deòir a sùla!"

Their iad "gainisg" ris an t-seòrsa feòir a tha a' fàs air tanalaich nan loch.