'S e Gàidheil Òga buidheann neo-eisimeileach a tha a' riochdachadh Ghàidheil Òga bhon t-saoghal air fad. Tha a' bhuidheann a' toirt cothrom do dhaoine òga eadar 16-30 am beachdan mu shuidheachadh na Gàidhlig a thogail gu ìre glè àrd. Tha dùil aig am buidheann a bhith a' strì gus piseach a thoirt air suidheachadh na Gàidhlig is inbhe a' chànain a thogail mar chànan a tha an-diugh cheart cho freagarrach dha daoine òga 's a bha e a-riamh.

Chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh aig cò-labhairt a chaidh a chumail airson Gàidheil òga le Comunn na Gàidhlig anns an Aghaidh Mhòir anns an Lùnasdal 2005. Bhathar a' beachdachadh air suidheachadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd agus bha gach neach a bha an làthair den bheachd gun robh cruaidh fheum air buidheann a bha a' riochdachadh dhaoine le Gàidhlig eadar aois 16-30. Chuir còignear Ghàidheil Òga a bha an làthair romhpa, a' bhuidheann seo a chur air chois gu saor thoileach.

Ceanglaichean a-muigh deasaich