'S e eilean Spàinnteach agus an dàrna eilean as motha de na h-Eileanan Canàrach a tha ann am Fuerteventura. Tha e suidhichte anns a’ Chuan Siar.

Fuerteventura
Traigh ann am Fuerteventura

Tha Fuerteventura cho farsaing ri 1,660 cilemeatair ceàrnagach. Anns a’ bhliadhna 2007 bha 94.386 de shluagh ann.

Tha Puerto del Rosario na phrìomh-bhaile, tha riaghaltas an eilein (Spàinntis: cabildo insular) suidhichte an seo.

'S e Mount Jandía a’ bheinn as àirde ann am Fuerteventura, tha i 807 meatair a dh'àirde.

Air sgàth nan tràighean gainmhich fada agus an na sìde blàithe tha an roinn turasachd gu math làidir anns an eilean. Tha port-adhair ann, le Fuerteventura Airport mar ainm.

Tha Fuerteventura na phàirt den cheàrn Las Palmas. Tha sia sgìrean aige:

  • Antigua
  • Betancuria
  • La Oliva
  • Pájara
  • Puerto del Rosario
  • Tuineje