Freeman Dyson
B' e fiosaigiche à Sasainn a bha ann am Freeman Dyson.
Bha e ainmeil airson na h-obrach aige còmhla ri Hans Bethe agus Richard Feynman air eileagtro-dinimigeachd, agus airson an co-chruinnean Dyson, bun-bheachd airson sìobhaltasan glè adhartach as urrainn dhaibh a h-uile solas a tha dol à rionnag a ghlac is fèill mhòr orra ann am ficsean saidheansail. Bha uidh mòr cuideachd aige ann an creideamh agus thug e an Òraid Gifford ann an 1985.[1]
Rugadh e ann an Crowthorne 15 an Dùbhlachd 1923 is b' e an co-ghleusaiche George Dyson a bha ann an athair. Bha e na sgoilear aig Colaiste Winchester aig an aon àm ri Christopher Longuet-Higgins, a bhràthair Michael Longuet-Higgins agus James Lighthill.[2] Chaidh e gu Oilthigh Chambridge nuair nach robh e ach 17 bliadhna a dh'aois ach bhris an cogadh agus obair le Feachd Rìoghail an Adhair a-steach air a fhoghlam ann am matamataig. Mhair e aig Oilthigh Chambridge gu ruige 1947 nuair a chaidh e gu Oilthigh Cornell agus an sin dh'obair e aig an Institute for Advanced Study ann am Princeton, Jersey Nuadh fad a bheatha seach dà bhliadhna aig Oilthigh Bhirmingham. Cha do chuir e crìoch air a thràchdas. Ann am Princeton dh'obair e air eileagtro-dinimigeachd agus pròiseactan eile mar Pròiseact an t-Sealgair, plana airson luing-fhànais a chleachdadh cumhachd bho bhomaichean niùclasach. Bha e cuideachd an sàs ann an sgrìobhadh leabhraichean saidheansail airson a' mhòr-shluaigh.[3]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “1985 Lecturer Freeman J. Dyson Passes Away at 96”, The Gifford Lectures. 2na dhen Mhàrt 2020. Air a thogail 4mh dhen Mhàrt 2020.
- ↑ Gregory, Richard L. ⁊ Murrell, John N. (1d dhen Dùbhlachd 2006): “Hugh Christopher Longuet–Higgins. 11 April 1923 — 27 March 2004,” ann an: Biogr. Mems. Fell. R. Soc., leabhar 52, td. 149–166. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2020.
- ↑ Johnson, Hamish: “Freeman Dyson: unorthodox to the end”, Physics World. 27mh dhen Mhàrt 2020. Air a thogail 5mh dhen Iuchar 2020.