Frank Lloyd Wright
B' e ailtire Aimeireaganach a bha ann am Frank Lincoln Wright (Richland Center, Wisconsin, 8 an t-Ògmhios 1867–Scottsdale, Arizona, 9 an Giblean 1959).
Rugadh e ann an Wisconsin is dh'imrich a theaghlach o àite do dh'àite nuair a bha e òg. Dh'ionnsaich e ailtireachd aig Oilthigh Wisconsin is ann an 1887 chaidh e do Chicago far an do dh'obair e airson dà chompanaidh ailtireachd ro Adler and Sullivan, chompanaidh a dh'fhàg e ann a 1893 as dèidh mì-chòrdaidh ri Louis Sullivan, is stèidhich e oifis ailtire neo-eisimeileach. Dhealbhaich e The William H. Winslow House mar a chiad choimisean.
Dh'obair e anns an Roinn Eòrpa o 1909 is sgrìobh e dà leabhar cliùiteach, Ausgeführte Bauten und Entwürfe von Frank Lloyd Wright is Ausgeführte Bauten ann an 1911. Thill e do na Stàitean Aonaichte is thoisich e Taliesin faisg air Spring Green a thogail. Phòs e Olga Lazovich ann an 1928 is stèidhich iad sgoil ailtireachd ann an Taliesin. Dh'fhoillsich e An Autobiography agus The Disappearing City ann an 1932.
Ann an 1943 choimiseanaich Hilla von Rebay e a thogalach as ainmeile, an Taigh-tasgaidh Guggenheim ann an Eabhraig Nuadh, a dhealbhaich. Chaochail e ann 1959.[1]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “About Frank Lloyd Wright”. Frank Lloyd Wright Foundation. Air a thogail 8mh dhen Ògmhios 2018.