'S e baile beag ann an Siorrachd Pheairt is Cheann Rois a tha ann an Fartairchill (Beurla: Fortingall).[1] 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 35′ 52.4″ Tuath agus 4° 3′ 19.48″ Iar.

Fartairchill

Tha e ainmeil airson an iubhar aosta aige. Cuideachd, ann an gàrradh na h-eaglaise, tha mòran seann uaighean. Tha faoinsgeul ann ag ràdh gun do rugadh Pontius Pilat an seo, airson gu robh campa daingnichte Ròmanach seo nuair a bha na Ròmanaich a' dol mun cuairt Alba.

Faisg air a' bhaile tha Càrn nam Marbh a tha làn taise bhon phlàigh dhuibh. Tha plàc ann a tha ag ràdh "Here lie Victims of the Great Plague of the 14th Century, Taken here on a Sledge, drawn by a White Horse, led by an old Woman" sa Bheurla.

Iomraidhean

deasaich
  1. Fortingall/Fartairchill”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 20mh dhen Iuchar 2018.

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NN 738 470