Faclair na Gàidhlig
'S e pròiseact faclaireach a th' ann am Faclair na Gàidhlig a tha a’ cruthachadh faclair eachdraidheil na Gàidhlig.
'S e iomairt eadar-oilthighean a th' ann am Faclair na Gàidhlig, anns a bheil Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Shrath Chluaidh agus Sabhal Mòr Ostaig OGE an sàs.[1]
Amas a' phròiseict
deasaich'S e amas an iomairt faclair eachdraidheil Gàidhlig a chruthachadh a bhios ann an cruth coltach ri na faclairean tomadach eachdraidheil a gheibhear ann an Albais agus ann am Beurla, mar an Dictionary of the Older Scottish Tongue, an Scottish National Dictionary agus an Oxford English Dictionary.[2]
Thèid Faclair na Gàidhlig fhoillseachadh air an eadar-lìon an toiseach.[2]
Bidh am faclair ag obair le na teagsaichean Gàidhlig as tràithe a th' ann gus an latha an-diugh.[2]
Thathas an dùil gum bi am faclair a' gabhail suim air na ceanglaichean a th' eadar Gàidhlig agus Albais gu h-eachdraidheil.[2]
Cruth an Fhaclair
deasaichThèid na faclan a mhìneachadh anns a' Bheurla gus cothrom a thoirt do luchd na Beurla eachdraidh na Gàidhlig a sgrùdadh.[3] Thèid abairtean a thogail bho theagsaichean Gàidhlig gus brìgh nam facal a chur an cèill.[3]
Rianachd
deasaichTha prìomh-oifis an Fhaclair aig Fàs, Sabhal Mòr Ostaig.
Luchd-obrach
deasaichAnn an 2019, tha aon neach-obrach làn-ùine air a’ phròiseict, agus ceathrar luchd-comhairle pàirt-ùine.
- Lorna Pike, Stiùiriche Faclaireachd.
- Marace Dareau, Neach-comhairle Deasachaidh.
- An t-Ollamh Uilleam MacGill' Ìosa, Rannsaichear Urramach, Oilthigh Dhùn Èideann. Tha e na Neach-comhairle Cànain dhan fhaclair.
- Dr Martina Maher, tha i na neach-rannsachaidh làmh-sgrìobhainnean airson Faclair na Gàidhlig.
- Mark McConville. Tha Mark na Chomhairliche Siostaman dhan fhaclair.
- Colm Ó Baoill, Ollamh Emeritus na Ceiltis, Oilthigh Obar Dheathain. Tha e na Neach-comhairle Cànain dhan fhaclair.
- Sharon Pearson, Manaidsear Pròiseict.
- Olga Szczesnowicz, An-dràsta tha i fo thrèanadh mar Fhacladair.
- Dr Eystein Thanisch, ’s e neach-rannsachaidh làmh-sgrìobhainnean a th’ ann airson Faclair na Gàidhlig.
Comataidh Stiùiridh
deasaich'S iad buill Comataidh Stiùiridh Faclair na Gàidhig (2019[4])
Riochdairean nan Oilthighean
deasaich- Thomas Clancy (Iar-Neach-gairm), Ollamh na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu.
- Ingeborg Birnie, Òraidiche ann an Gàidhlig aig Oilthigh Shrath Chluaidh.
- Uilleam Lamb, Òraidiche ann an Celtis agus Eòlas na h-Alba,Oilthigh Dhùn Èideann.
- An Dr Gillian Rothach
- Moray Watson, Àrd-Òraidiche na Gàidhlig agus Leas-Stiùiriche don Institiùd airson Rannsachadh ann an Eòlas Èireannach is Albannach, Oilthigh Obar Dheathain.
A b' àbhaist a bhith air a' Chomataidh
deasaich- Boyd Robasdan (Neach-gairm), Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig OGE ann an 2011-2017.[5][6]
- Mona Wilson, Àrd Òraidiche ann an Gàidhlig aig Oilthigh Shrath Chluaidh ann an 2016-2017.[6]
- Tormod MacGilIiosa, Stiùiriche Sabhal Mòr Ostaig OGE ann an 2011.[5]
- Susan Manning, Stiùiriche na Stèidheachd airson Àrd Sgrùdaidhean anns na h-Ealain agus Ollamh Grierson ann an Litreachas na Beurla aig Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2011.[5]
- Colm Ó Baoill, Ollamh Emeritus na Ceiltis, Oilthigh Obar Dheathain.[5]
Prìomh Luchd-Sgrùdaidh
deasaich- An t-Ollamh Uilleam MacGilI'Ìosa, Ollamh na Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann.[5]
- An t-Ollamh Dòmhnall Meek, Ollamh Eòlas na h-Alba agus na Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann.[5]
Bòrd Comhairleachaidh
deasaich- An t-Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh (Cathraiche), Iar-Prionnsabal agus Ceannard Cholaiste nan Ealain, Ollamh na Gàidhlig, Oilthigh Ghlaschu.
- Marace Dareau, Neach-comhairle Deasachaidh.
- An Dr Charles Dillon, Deasaiche Foclóir Stairiúil na Gaeilge/Faclair Eachdraidheil na Gaeilge aig Acadamaidh Rìoghail na h-Èireann bho 2016.
- Dr Anthony Harvey, Neach-deasachaidh Dictionary of Medieval Latin from Celtic Sources (DMLCS) aig Acadamaidh Rìoghail na h-Èireann.
- Andrew Hawke, Neach-deasachaidh Stiùireach Geiriadur Prifysgol Cymru (GPC) / Faclair na Cuimris aig Oilthigh na Cuimrigh.
- An t-Ollamh Uilleam MacGilI' Ìosa, Rannsaichear Urramach, Oilthigh Dhùn Èideann.
- Mark McConville, Manaidsear-phròiseict DhASG (Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig).
- Colm Ó Baoill, Ollamh Emeritus na Ceiltis, Oilthigh Obar Dheathain.
- Proifeasair Boyd Robasdan.
Maoineachadh
deasaichFhuair Faclair na Gàidhlig taic bho Riaghaltas na h-Alba, Urras Brosnachaidh na Gàidhlig, Urras Leverhulme, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Economic & Social Research Council, Arts & Humanities Research Council, an Carnegie Trust for the Universities of Scotland.[7]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Faclair na Gàidhlig” (Gàidhlig is Beurla). Air a thasglannadh [o http://www.faclair.ac.uk/] 7mh dhen Chèitean 2019. Air a thogail 7mh dhen Ògmhios 2019.
- ↑ 2.0 2.1 2.2 2.3 “Am Pròiseact” (Gàidhlig). Faclair na Gàidhlig. Air a thasglannadh [o http://www.faclair.ac.uk/gaidhlig/index.html] 14mh dhen Iuchar 2017. Air a thogail 7mh dhen Ògmhios 2019.
- ↑ 3.0 3.1 “Structar” (Gàidhlig). Faclair na Gàidhlig. Air a thasglannadh [o http://www.faclair.ac.uk/gaidhlig/structar.html] 14mh dhen Iuchar 2017. Air a thogail 7mh dhen Ògmhios 2019.
- ↑ “Comataidh Stiùiridh” (Gàidhlig). Faclair na Gàidhlig. Air a thasglannadh [o http://www.faclair.ac.uk/gaidhlig/comataidh_stiuiridh.html] 7mh dhen Ògmhios 2019. Air a thogail 7mh dhen Ògmhios 2019.
- ↑ 5.0 5.1 5.2 5.3 5.4 5.5 “Comataidh Stiùiridh”. Faclair na Gàidhlig. Air a thasglannadh [o https://web.archive.org/web/20110318101211/http://www.faclair.ac.uk:80/gaidhlig/comataidh_stiuiridh.html] 18mh dhen Chèitean 2011. Air a thogail 7mh dhen Ògmhios 2019.
- ↑ 6.0 6.1 “Comataidh Stiùiridh” (Gàidhlig). Faclair na Gàidhlig. Air a thasglannadh [o https://web.archive.org/web/20170714094354/http://www.faclair.ac.uk:80/gaidhlig/comataidh_stiuiridh.html] 14mh dhen Iuchar 2017. Air a thogail 7mh dhen Ògmhios 2019.
- ↑ “Buidhnean Taic” (Gàidhlig). Faclair na Gàidhlig. Air a thasglannadh [o http://www.faclair.ac.uk/gaidhlig/buidhnean_taic.html] 17mh dhen Ògmhios 2017. Air a thogail 7mh dhen Ògmhios 2019.