Féis Cheilteach Innse Gall
Féis eadar-nàiseanta de cheòl “cheilteach” a tha ga chumail gach samhradh ann an Steòrnabhagh ann an Eilean Leòdhais.
Tha Féis Cheilteach Innse Gall (Beurla: Hebridean Celtic Festival no HebCelt) ’na fhéis eadar-nàiseanta de cheòl “cheilteach” a tha ga chumail gach samhradh ann an Steòrnabhagh ann an Eilean Leòdhais. Tha e a’ maireachdainn mu ceithir làithean san Iuchair, agus tha iomadh còmhlan-ciùil ainmeil air a bhith a’ cluich ann. Nuair a thòisich e ann an 1996 bha mu 1000 an làthair, ach ann an 2014 bha mu 16,000 ann. ’S ann sa Gharradh Chruaidh air beulaibh Caisteal Leòdhais a tha prìomh làithreach na Féise, ach tha tachartasan cuideachd sa Lanntair agus a-muigh sna bailtean.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- HebCeltFest - làrach oifigeil (Beurla)
- BBC Naidheachdan 2012-07-12: Fèis Cheilteach Innse Gall a’ tòiseachdainn
- BBC Naidheachdan 2014-06-19: Tosgaire ùr dhan HebCelt (Donnchadh Siosalach)
- BBC Naidheachdan 2014-07-16: Fèis Cheilteach Innse Gall a' tòiseachadh
- BBC Naidheachdan 2014-07-17: Fèis Cheilteach Innse Gall air tòiseachadh (aithris-bhideo 2:47)
- BBC Naidheachdan 2014-07-18: Ceòl anns a' Ghearraidh Chruaidh (aithris-bhideo 4:41)
- BBC Naidheachdan 2015-01-09: Còmhlain HebCelt gam foillseachadh
- BBC Naidheachdan 2015-07-15: Fèis Cheilteach Innse Gall gus tòiseachadh (aithris-bhideo 2:10)
- BBC Naidheachdan 2015-07-17: Fèis Heb Celt 2015 (aithris-bhideo 2:08)
- BBC Naidheachdan 2015-11-24: Runrig aig an Heb Celt an 2016
- BBC Naidheachdan 2016-02-04: Luchd-ciùil eile gan ainmeachadh airson Fèis Cheilteach Innse Gall
- BBC Naidheachdan 2016-07-12: Fèis Cheilteach Innse Gall
- BBC Naidheachdan 2016-07-14: Fèis Cheilteach Innse Gall (aithris-bhideo 2:35)
- BBC Naidheachdan 2021-07-15: Fèis Cheilteach Innse Gall air tòiseachadh