Eskilstuna
Eskilstuna vapen.svg
Gearradh-arm
no Seula
Eskilstuna.jpeg
Eskilstuna Municipality in Södermanland County.png
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Sweden.svg An t-Suain
Ceàrn Södermanland vapen.svg Södermanlands län
Co-chomharran 59° 22 15′ Tuath
16° 30 46′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,250.49 km²
Àireamh-shluaigh 102,065 (2015)
Dlùths 81.62/km²
Àireamh fòn (+46) 16
Duilleag oifigeil http://eskilstuna.se/

‘S e baile meadhanach agus sgìre-riaghlaidh ann an cridhe na Suaine faisg air Örebro a th’ ann an Eskilstuna. Tha e suidhichte ri taobh na h-aibhne Eskilstunaån,[1] anns an sgìre Södermanlands län,[2] 88km air falbh bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha, 84km bho Uppsala agus 200km bho Ghöteborg.[3] Tha 102,065 duine a' fuireach ann.[4]

Freumhan an AinmDeasaich

Tha a h-uile coltas ann gur ann à tūn (dùn) agus an t-ainm Eskil. B' e manach à Sasainn a bh' ann an Eskil.[5] Bheireadh sin Dùn Easgail dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.

EachdraidhDeasaich

Fhuair am baile a chuid chòirichean a thaobh chìsean agus malairt ann an 1659. Chaochail an Ceimigear Johan August Arfwedson ann an Hedensö, a bhuineas do dh'Eskilstuna an latha an-diugh, ann an 1841.[6] Thogadh Anni-Frid Lyngstad, a bha na seinneadair le ABBA anns na 70an ann an Eskilstuna. Chaidh Oilthigh Mhälardalen a stèidheachadh ann an 1977 le campas ann an Eskilstuna agus fear eile ann am Västerås.[7]

Daoine AinmeilDeasaich

IomraidheanDeasaich

  1. Get a Map
  2. Michelin
  3. Distance Calculator
  4. SCB
  5. Runeberg
  6. Riksarkivet
  7. Study in Sweden

Ceanglaichean a-machDeasaich