Co-chomharran: 52°54′N 3°51′W / 52.9°N 3.85°W / 52.9; -3.85

'S e roinn is pàirc nàiseanta ann an ceann a tuath na Cuimrigh a th' ann an Eryri (Beurla: Snowdonia). Tha a' phàirc nàiseanta cho mòr ri 838 mìle ceàrnach (2,170 km2). 'S e a' chiad phàirc nàiseanta a chaidh a chur air bhonn anns a' Chuimrigh agus cuideachd na pàirc nàiseanta as motha anns a' Chuimrigh. Chaidh a stèidheachadh ann an 1951, roimhe seo chaidh an t-ainm Eryri/Snowdonia a chleachdadh airson roinne na bu lugha timcheall air a' bheinn Yr Wyddfa.

Sealladh bho Chrib Goch air Llyn Llydaw
Mapa na pàirce nàiseanta

Ainmean

deasaich

Gu eachdraidheil canar "Eryri" anns a' Chuimris ris an roinn timcheall air a' bheinn Yr Wyddfa. Is dòcha gu bheil an t-ainm seo ceangailte ris an fhacal Chuimreach eryr a tha a' ciallachadh "iolaire" neo mar tha Sir Ifor Williams, sgoilear Chuimreach, a' cumail a-mach is dòcha gu bheil an t-ainm dìreach a' ciallachadh "àrd-tìr".[1] Tha dlùth-cheangal aig an t-ainm Eryri ri eachdraidh, dualchas is cultar na Cuimrigh.

 
Sealladh air cuid de na beanntan, tha Yr Wyddfa anns a' mheadhan air an làimh dheis agus Glyderau air astair air a chùlaibh

Thàinig an t-ainm Beurla Snowdonia bhon ainm Bheurla "Snowdon" airson Yr Wyddfa. Anns na Meadhan aoisean chaidh an tiotal "Tywysog Cymru ac Arglwydd Eryri" (Prince of Wales and Lord of Snowdonia) a chleachdadh gu oifigeil airson Llywelyn ap Gruffudd, Prionnsa na Cuimrigh. Mus deach a' phàirc nàiseanta a chur air bhonn, bha "Snowdonia" dìreach a' ciallachadh na roinn bige ann an ceann a tuath Gwynedd, an àrd-tìr timcheall air Yr Wyddfa agus trì sreathan bheanntan eile faisg air, Glyderau, Carneddau agus Moel Siabod. An-diugh tha a' phàirc nàiseanta "Snowdonia" mu dhà thuras as motha na an roinn tùsail agus tha e a' sìneadh gu deas gu Meirionnydd. Ach chan eil na beanntan deas air Maentwrog nam pàirt den phàirc.

A' Phàirc nàiseanta

deasaich

Chaidh a' phàirc nàiseanta Parc Cenedlaethol Eryri (Cuimris; Snowdonia National Park sa Bheurla) a chur air bhonn ann an 1951 agus 's e an treas pàirc nàiseanta a chaidh a stèidheachadh anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha e cho mòr ri 827 mìle ceàrnach (2,140 km2), agus tha mu 37 mìle (60 km) de na crìochan aige air iomall-fairge.[2][3] Tha e a' gabhail a-steach cuid de na beanntan is lochan as motha a tha anns a' Chuimrigh is ann an Sasainn.

Tha e fo chùram Ùghdarras Pàirc Nàiseanta Snowdonia. Tha prìomh-oifis an ùghdarrais ann am Penrhyndeudraeth agus tha 18 buill aig an ùghdarras. Air sgàth 's gu bheil a' phàirc suidhichte gu ìre mhòr ann an Gwynedd agus na sìneadh gu Conwy tha 9 buill à Gwynedd agus 3 buill à Conwy ann mar riochdairean ionadail agus 6 eile bhon t-Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh mar riochdairean nàiseanta.[4] Eu-coltach ri pàircean nàiseanta ann an dùthchannan eile tha a' phàirc seo a' gabhail a-steach an dà chuid fearann ann an seilbh phrìobhaideach is ann an seilbh poblach a bhios uile fo stiùireadh ùghdarras na pàirce.

Seòrsa seilbh Ceudan (%)
Prìobhaideach 69.9
Coimisean na Coilltearachd 15.8
Urras Nàiseanta 8.9
Countryside Council for Wales 1.7
Ùghdarras Pàirc Nàiseanta 1.2
Companaidhean uisge 0.9
Eile 1.6
 
Cuaraidh faisg air Llanberis

Tha barrachd na 26,000 duine a' fuireach anns a' phàirc, agus tha Cuimris aig 62% dhiubh. [5][6] Ged a tha mòran bheanntan ann, tha àiteachas cumanta an seo fhathast. Tha barrachd na 6 millean luchd-turais a' tighinn don phàirc gach bliadhna, leis an dàrna leth dìreach a' tighinn dìreach airson latha. Mar sin tha a' phàirc seo anns an treas àite a thaobh luchd-tadhail ann am pàircean nàiseanta ann an Sasainn agus a' Chuimrigh.[7]

Tha toll ann am meadhan na pàirce timcheall air a' bhaile Blaenau Ffestiniog, teis-meadhan chuaraidhean sglèata. Ged a tha sin caran neo-àbhaisteach, rinneadh a dh'aona-ghnothach e gus cothrom a thoirt do mhuinntir na h-àite, gnìomhasan beaga a stèidheachadh an àite nan seann chuaraidhean sglèata a bh' ann gu ruige seo.

Sreath bheanntan

deasaich
 
Sealladh air na beanntan timcheall air Blaenau Ffestiniog

Canar gu bheil ceithir roinnean ann an Eryri:

  • Tha ceann a tuath as tarraingiche don luchd-turais. Tha e a' gabhail a-steach (bhon iar chun an ear) Moel Hebog, Mynydd Mawr is an Nantlle Ridge; an Snowdon Massif; Glyderau agus Carneddau. 'S iad na beanntan as àirde anns a' Chuimrigh. Tha Yr Wyddfa, a' bheinn as àirde anns a' Chuimrigh, suidhichte anns an roinn seo. Tha e mu 3,560 troigh (1,085 m) a dh'àird os chionn na mara.

Coiseachd

deasaich
 
Cas-cheum faisg air Llyn Barfog ann an Gwynedd

Is fheàrr leis an luchd coiseachd an roinn timcheall air beinn Yr Wyddfa. Air sgàth 's gu bheil an dùthaich seo math airson coiseachd is sreap, tha na slighean a' fàs caran dòmhail bho àm gu àm, gu h-àraid leis an Snowdon Mountain Railway a bhios a' dol gu mullach na beinne.[8] Ge tà, tha cuid sligean inntinneach eile anns na beanntan nas ìsle ann nach eil cho trang.

A measg nan h-àitichean as fheàrr airson coiseachd 's iad: Y Garn san àird an ear air Llanberis; Mynydd Tal-y-Mignedd san iar air Yr Wyddfa; Moelwyn Mawr san iar air Blaenau Ffestiniog agus Pen Llithrig y Wrach san àirde a tuath air Capel Curig. Sa deas tha Y Llethr ann an Rhinogydd, agus Cadair Idris faisg air Dolgellau tarraingeach don luchd-coiseachd cuideachd.

Uile gu lèir tha mu 1,479 mìle (2,380 km) de chas-cheuman airson coiseachd ann. A bharrachd air sin tha 164 mìle (264 km) de shlighean ann airson marcachd.[9]

Àrainneachd

deasaich
 
Tha an t-uisge a' thighinn ann an Llyn Cowlyd

'S e Ionad Sònraichte Glèidhteachais a th' ann an iomall-fairge na pàirce gu lèir. Tha an t-iomall-fairge a' dol eadar an leth-eilean Llŷn agus an costa ann am meadhan na Cuimrigh, far a bheil dùin-ghainmhich sònraichte ann.

Bho thùs bha agus tha coilltean ann le craobhan eadar-dhealaichte. 'S e an darach neo-ghasagach (quercus petraea) a' chraobh as cumanta a th' ann. Tha craobhan beithe, craobhan-uinnsinn (fraxinus excelsior), caorainn (sorbus) is craobhan-calltainn rim faicinn cuideachd. Bha prògraman coilltearachd ann agus thogadh coille chònach mar Gwydir Forest faisg air Betws-y-Coed, ach a-nis leigear na craobhan a' fàs gu nàdarra a-rithist.

'S e Eryri a tuath an t-àite a-mhàin ann am Breatainn far a bheil an Snowdon lily a' fàs. Agus 's e sin an t-àite a-mhàin air feadh an t-saoghail, far a bheil an Snowdonia hawkweed (Hieracium snowdoniense) a' fàs.

Tha pàirt mhòr den phàirc nàiseanta ainmichte mar Ionad de Shuim Shònraichte Shaidheansail (ISSS), Tèarmann-nàdair Nàiseanta, Ionad Sònraichte Glèidhteachais, Arainn Glèidhteachais Shònraichte, bith-chruinne neo air a dhìon a rèir Cùmhnant Ramsar.

Ach tha trioblaidean ann cuideachd air sgàth 's gu bheil cus ròsan-craobh (Rhododendron ponticum) ann. Tha iad a' fàs cho luath nach eil cothrom fàis ann airson nan luibhean ionadail. A bharrachd air sin tha fungas puinnseanach a' thiginn còmhla ris na ròsan-craoibhe, fungas a mhaireas beò fhad seachd bliadhna san talamh agus a chuireas bàs air na luibhean eile.[10]

Fiadh-bheatha

deasaich
 
Snowdon beetle (Chrysolina cerealis)

Tha gu bhith 20% dhen fhearann ann an Eryri dìonta le laghan glèidhteachais leis an dàrna leth dhiubh mar Ionad Sònraichte Glèidhteachais. [11]

Tha beathaichean a tha gann a' fuireach an seo. Chithear feòcallain, dobhrain agus gobhair fhiadh an seo ged nach fhacas an taghan (martes martes) fad cuid bhliadhnaichean.[12] 'S e Eryri an t-àite a-mhàin ann am Breatainn far a bheil an Snowdon beetle (Chrysolina cerealis) a' fuireach, daolag le gach dath sa bhogha-fhrois.

An t-sìde

deasaich

'S e aon de na h-àitichean as fliuiche anns an Rìoghachd Aonaichte a tha ann an Eryri le Crib Goch mar àite as fliuiche. Airson na 30 bliadhna sa chaidh bha an cuibheas bliadhnail de dh'uisge mu 4473 mm (176.1 in) an seo. [13][14]

Iomraidhean

deasaich
  1. Ifor Williams, Enwau Lleoedd (Liverpool, 1945), dt. 18. Dèan comas air an aiste ann am Bulletin of the Board of Celtic Studies, vol. iv, tdd. 137–41.: The plural of Welsh eryr (eagle) is eryrod or eryron, with no example of a form eryri being attested. A second word eryr, plural eryri, means "shingles" in modern Welsh; in the old Welsh place name this suggests uneven or upraised ground, a land of hills; "the uplands" or "highlands"
  2. Culliford, Alison (24.6.1999). "National Parks – The complete guide to Britain's national parks". The Independent. {{cite news}}: Check date values in: |date= (help); Italic or bold markup not allowed in: |publisher= (help)
  3. "Our national parks". MSN.
  4. Walkey, Mike, Swingland, Ian Richard; Russell, Shaun (1999): Integrated protected area management. Springer, td. 91. ISBN 978-0-412-80360-4. 
  5. Thomas, Helen (28.10. 2001). "Make the most of Snowdonia". The Independent. {{cite news}}: Check date values in: |date= (help); Italic or bold markup not allowed in: |publisher= (help)
  6. "The Welsh Language". Snowdonia National Park Authority.
  7. Park Profile 2007[dead link]. Snowdonia National Park Authority.
  8. Parker, Mike, Whitfield, Paul (2003): The Rough Guide to Wales, 4 deas., Rough Guides, td. 385. ISBN 978-1-84353-120-3. 
  9. "Walks for region – Snowdonia Mountains and Coast". Walking in North Wales.
  10. "Important plant areas in the UK". The Daily Telegraph. 24.6.2007. {{cite news}}: Check date values in: |date= (help); Italic or bold markup not allowed in: |publisher= (help)
  11. "Wildlife". Snowdonia National Park Authority. Retrieved 19.8.2013. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  12. Turner, Robin (3:8.2009). "If you go down to the woods today you might find an endangered pine marten". WalesOnline. {{cite news}}: Check date values in: |date= (help)
  13. Clark, Ross (28.10.2006). "The wetter, the better". The Independent. {{cite web}}: Check date values in: |date= (help); Italic or bold markup not allowed in: |publisher= (help)
  14. Philip, Catherine (28.6. 2005). "40 die as one year's rain falls in a day". The Times. {{cite web}}: Check date values in: |date= (help); Italic or bold markup not allowed in: |publisher= (help)

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: